Rabhadh buidhe ga thoirt seachad airson sneachda

  • Air fhoillseachadh
Sgire duthchail fuarTùs an deilbh, Getty Images

Thug Oifis na Sìde seachad rabhadh airson sneachda ann an ceann a tuath na h-Alba bho mheadhan-oidhche Dhiciadain.

Tha dùil ri fuachd de -6C ann an cuid de sgìrean tron oidhche.

Dh'fhaodadh suas ri 5cm de shneachd fhaicinn air talamh ìosal, agus eadar 5cm agus 10cm air talamh àrd.

Tha dùil gun toir e buaidh air rathaidean is seirbheisean rèile am measg eile tron là.

Dh'fhaodadh cathadh a bhith ann cuideachd agus bidh i a' faireachdainn puinnseanta fuar le gaoth làidir bho thuath.

"Tha sinn a' draghadh adhar fuar a-staigh bhon Artaig agus 's e sin a tha ag adhbhrachadh gu bheil i gu bhith a' tionndadh geamhradail thairis air na làithean a tha romhainn," thuirt neach-aithris na h-aimsire Derek Mac an Tòisich.

"Tha a h-uile dùil ann gun adhbhraich an sneachd duilgheadasan siubhail is eile."