Luchd-obrach HIAL air dà là stailce a ghairm

  • Air fhoillseachadh
Port Adhair Inbhir Nis

Dhearbh luchd-obrach aig Puirt Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean gum bidh iad air stailc dà là air thoiseach air an Nollaig.

Bidh buill dhen aonadh Unite air stailc fad ceithir uairean fichead air an 19mh agus an 22mh dhen Dùbhlachd.

Dhiùlt iad tairgse pàighidh de 5% bho HIAL 's iad ag ràdh nach eil sin math gu leòr le ìre na h-atmhorachd a' sìor dhol suas.

'S ann ag obair ann an tèarainteachd, seirbheisean smàlaidh agus obair rianachd nam port-àdhair a tha na buill a thèid air stailc.

Feitheamh

Tha dùil gun toir an stailc buaidh mhòr air 11 puirt-adhair air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Thuirt a' chompanaidh adhair Loganair gu bheil iad air casg a chur air a bhith a' reic thiocaidean dha na puirt-adhair air an dà là a tha san amharc airson stailce.

"Tha sinn a' feitheamh fios a bharrachd an t-seachdain-sa air am bi cothrom againn seirbheis air choireigin a thoirt seachad aig gin de na puirt-adhair sin.

"Bruidhinnidh sinn ri luchd-siubhail a bha an dùil na seirbheisean againn a chleachdadh air an 19mh agus an 22mh aon uair 's gu bheil soillearachadh againn," thuirt iad.

Thabhainn Stiùiriche HIAL, Inglis Lyon, leisgeul do luchd-siubhail 's e ag ràdh gu bheil HIAL ag aithneachadh nan duilgheadasan a th' aig luchd-obrach aig an àm-sa le dìth airgid, ach gu bheil e na bhristeadh-dùil gu bheil iad a' dol air stailc aig àm na Nollaige.

"Tha sinn deònach gu leòr a bhith a' còmhradh ris an aonadh 'son feuchainn ris an stailc seo a sheachnadh," thuirt e.