
Cuid de na cleasaichean a bha an lùib an t-sreath Andor.
Thuirt an sgioba a bha an sàs ann a bhith cruthachadh sreath Star Wars, Andor gun robh e na thlachd a bhith fiolmadh ann an Alba.
Chaidh prògram a sia 'The Eye' a chlàradh timcheall air sgeama hàidreo Cruachan, faisg air Dail Mhàilidh ann an Earra Ghàidheal.
A' bruidhinn air an stèisean-cumhachd, thuirt an riochdaire, Luke Hall gun robh an t-àite dìreach mar a bhiodh iad ag iarraidh.
"Ma choimheadas tu air air an dam, tha e coltach ri masg Darth Vader".

Chaidh Andor a chruthachadh mar prequel dha Rogue One a chaidh a dhèanamh ann an 2016 le prìomh charactar Cassian Andor air a chluich le Diego Luna.
Chòrd e ris a' chriutha a bhith ag obair ann an Alba agus gu h-àraidh a bhith a' cruthachadh 'planaid' ann am beantann na dùthcha.
"Tha mòran de na planaidean ann an Star Wars air an dèanamh ann am fàsaichean 's mar sin bha e inntinneach a bhith cruthachadh 'planaid ùr' ann an àite eadar-dhealaichte thuirt Mgr Hall.
'S ann leis a' chompanaidh Drax a tha stèisean-cumhachd Cruachan agus thug iad seachad airgid do dhiofar bhuidhnean chathrannais às dèidh dha Disney an làrach aca a chleachdadh.
Nam measg fhuair Sgioba Teasargainn Beanntan an Òbain carabad ùr agus chaidh ionmhas a chur ris an obair-càraidh a tha a' dol aig Eaglais Naomh Chonnain ann an Loch Obha.