Naidheachdan 11:00m

Gnàth-shìde

Dh'aidich Riaghaltas na h-Alba gum feum am poileasaidh atharrachadh agus aithisg ùr ag ràdh gun do stad adhartas a' cur smachd air gasaichean millteach. Tha Comataidh Atharrachadh na Gnàth-shìde, buidheann neo-eisimeileach a tha a' toirt comhairle air an dà chuid Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba, ag ràdh gun do chaill Alba a h-inbhe mar phrìomh dhùthaich na Rìoghachd Aonaichte ann an strì ri atharrachadh na gnàth-shìde. Thuirt a' chomataidh ged a tha targaidean Riaghaltas na h-Alba air feadhainn cho cruaidh 's tha air an t-saoghal, gu bheil iad sin ann an cunnart leis nach eil plana ceart aig an riaghaltas.

A' Ghearmailt

Chaidh 25 duine a chur an grèim anns a' Ghearmailt fo amharas gun robh iad ri cuilbheairt airson cur às dhan riaghaltas. Tha aithrisean ann gum boin iad do bhuidheann le ceanglaichean ris an fhìor làimh-dhèis, agus ris an arm aig aon àm, agus gun robh iad ag ullachadh ionnsaigh air pàrlamaid na Gearmailt.

Slàinte

Tha an riaghaltas am beachd barrachd feum a dhèanamh de chompanaidhean slàinte prìobhaideach airson dèiligeadh ris na liostaichean a tha a' feitheamh air an NHS ann an Sasainn. Tha na figearan as ùire ag ràdh gu bheil còrr 's 7,000,000 duine a' feitheamh. Tha buidheann-gnìomha a' coinneachadh aig Sràid Dhowning an-diugh a dheasbad na cùise. Thuirt Rùnaire na Slàinte, Steve Barclay, nach bi an riaghaltas a' tabhainn àrdachadh-pàighidh nas fheàrr mar dhòigh air stailc luchd-obrach an NHS ann an Sasainn air a' mhìos seo a sheachnadh.

HIAL

Tha an t-aonadh Unite ag iarraidh tuilleadh chòmhraidhean anns an eas-aonta mu phàigheadh aig Companaidh Phort-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Tha an t-aonadh ag ullachadh airson dà stailc ron Nollaig air an 19mh agus an 22na den mhìos seo agus iad mì-thoilchte leis na tha HIAL a' tabhainn orra. Thuirt HIAL gur e briseadh-dùil a tha anns a' cho-dhùnadh a dhol gu stailc agus gun dèan iad an dìcheall gus nach toir iad sin cus de dhroch bhuaidh air seirbheisean.

Sìona

Tha Sìona a' togail na h-uimhir de riaghailtean Covid air feadh na dùthcha. Tha cead a-niste aig feadhainn air a bheil am bhìoras ach nach eil tinn leis, fuireach air leth anns an dachaigh, seach a dhol gu ionadan stàite. Agus chan fheum dearbhadh tuilleadh nach eil am bhìoras air duine airson faighinn gu àiteachan poblach mar thaighean-bìdh. Fosglaidh Pàirce Disneyland ann an Shanghai a-rithist a-màireach.

Toll

Rinn seirbheisean cobhair ann an Inbhir Nis an-diugh cobhair air duine a thuit ann am manhole faisg air prìosan a' bhaile. Thuirt Seirbheis Prìosain na h-Alba gun deach aon den luchd-obrach aca a ghoirteachadh san tubaist sa mhadainn an-diugh. Cha deach a dhroch ghoirteachadh, ged a chaidh a thoirt dhan ospadal.