Stailcean a' toirt buaidh air àrd-sgoiltean air feadh Alba

Tha tidsearan a tha nam buill de dh'aonaidhean an NASUWT ann an Alba agus an SSTA air stailc an-diugh 's iad mì-thoilichte mu phàigheadh.

Chan eil ach cola-deug bho chaidh buill den EIS air stailc - stailc a dhùin cha mhòr a h-uile sgoil ann an Alba.

Cha robh an aona bhuaidh air sgoiltean an-diugh agus cha bhi a-màireach a bharrachd, ach tha na h-aonaidhean air an aon ràmh agus iad iad mì-thoilichte mu phàigheadh agus mu uallachaidhean obrach.

Tha Calum MacAmhlaidh ag aithris.