Iar-chathraiche NHS nan Eilean Siar a' falbh ri linn 'iomairt na aghaidh'
- Air fhoillseachadh

Dh'fhàg iar-chathraiche Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar a dhreuchd agus a' bhuidheann ag ràdh gun robh iomairt ann na aghaidh.
Chan eil ach beagan sheachdainnean bho chaidh Tim Ingram, a tha a' fuireach air tìr-mòr, ainmeachadh san dreuchd, ged a bha e air a' bhòrd bhon Mhàrt 2021.
Bha connspaid ann nuair a fhuair e àrd-dhreuchd is riochdaire Comhairle nan Eilean Siar air a' bhòrd, an Comh Aonghas MacCarmaig, a' leigeil dheth a dhreuchd.
Thuirt an Comh. MacCarmaig gu bheil an àireamh de bhuill air a' bhòrd nach eil a' buntainn dha na h-Eileanan a' sealltainn gur e Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a th' ann "ann an ainm a-mhàin", is e a' togail gu sònraichte air mar a chaidh Mgr Ingram fhastadh mar iar-chathraiche.
Tha am bòrd slàinte a-nise air dearbhadh gu bheil Mgr Ingram air leigeil fhaicinn gum fàg e a dhreuchd aig deireadh na mìos.
Thuirt iad gun robh "iomairt phearsanta leantainneach" air a bhith ann na aghaidh is gun robh sin air droch bhuaidh a thoirt air.
"Briseadh-dùil"
Thug iad dha taing is iad ag ràdh gun do chuir e tòrr ris a' bhuidhinn.
Thuirt am bòrd gur e "briseadh-dùil mòr" a th' ann gu bheil Mgr Ingram gus falbh.
"Tha mar a tha seo air tachairt na bhriseadh-dùil dhuinn, is feumaidh sinn a ràdh gu bheil dragh oirnn mun iomairt leantainnich seo, is mar a dh'fhaodadh e buaidh a thoirt air cliù nan Eilean Siar mar àite fosgailte 'son a bhith a' fuireach is ag obair is far am faigh daoine fàilte", thuirt cathraiche a' bhùird, Gillian McCannon.
Dh'iarr i gun tèid Mgr Ingram fhàgail aig fois a-nise.
Le deasbad a' leantainn mu càite bheil daoine ann an dreuchdan àrda ann am buidhnean eileanach a' fuireach, bidh sùil a-nise air cò thèid an àite Tim Ingram.
Diardaoin, mus tàinig e am bàrr gum bi Mgr Ingram a' fàgail a dhreuchd, chaidh ceannard Comhairle nan Eilean Siar, an Comh Pòl Steele, ainmeachadh mar riochdaire ùr an ùghdarrais air Bòrd Slàinte nan Eilean Siar.