Naidheachdan 11:00m

Tidsearan

Tha tidsearan air stailc an-diugh a-rithist ann an 15 de sgìrean comhairle na h-Alba. Seo an dàrna là stailc aig dà aonadh as lugha, an SSTA agus an NASUWT, nach eil a' gabhail ris an àrdachadh pàighidh a chaidh a thabhann orra. Tha feadhainn de na h-àrd sgoiltean dùinte dhan chloinn as òige agus cuid eile dhiubh dùinte uile gu lèir.

Puirt-adhair

Tha Port-adhair Ghlaschu am measg sia de phuirt-adhair Bhreatainn aig am bi oifigich Feachd nan Crìochan air stailc aig àm na Nollaig. Tha an t-aonadh PCS a' cur ochd là stailc romhpa eadar an 23mh den mhìos agus a' Bhliadhna Ùr.

Sneachd

Tha sneachda trom a' dèanamh chùisean doirbh do luchd-siubhail ann an ceann an ear thuath na h-Alba agus bha carbadan glacte ann am mòran sgìrean sa mhadainn. Tha maill cuideachd air seirbheisean bus agus aig port-adhair Obair Dheathain. Tha rabhadh buidhe aig Oifis na Sìde air sneachd agus reothadh dhan mhòr-chuid den cheann a tuath gu meadhan-là a-màireach agus rabhadh air deigh sa cheann a deas.

Slàinte

Thuirt Rùnaire na Slàinte, Humza Yousaf, gu bheil e' call a chadail le dragh mu sheirbheis na slàinte ann an Alba. Dh'innis Mgr Yousaf dhan BhBC gu bheil e a' cur a' mhòr-chuid de ùine seachad a' strì ri freagairt dhan dùbhlan as motha, thuirt e, an an eachdraidh an NHS. Tha feadhainn de na nàimhdean poilitigeach ag iarraidh air Mgr Yousaf an dreuchd fhàgail agus dùil ri geamhradh fìor dhoirbh ron t-seirbheis.

Bòrd Slàinte nan Eilean Siar

Thuirt NHS nan Eilean Siar gur e iomairt phearsanta na aghaidh as coireach gun do dh'fhàg iar-chathraiche a' Bhùird Shlàinte, Tim Ingram, a dhreuchd. Bha gearan ann gur ann air tìr-mòr a bha Mgr Ingram a' fuireach seach anns na h-eileanan. Thuirt NHS nan Eilean Siar gun tug na h-ionnsaighean droch bhuaidh gu pearsanta aig Mgr Ingram agus gun do rinn iad cron air cliù nan eilean.

Mèinn

Chuir Riaghaltas na Rìoghachd Aonachte dìon air co-dhùnadh cead a thoirt do mhèinn-ghuail dhomhainn faisg air Whitehaven ann an Cumbria airson connadh do ghnìomachas na stàilinn ann am Breatain agus ann an dùthchannan eile. Gheall an riaghaltas gu bheil carbon-neodrach fhathast na phrìomh amas aca, ach tha buidhnean àrainneachd a' càineadh a' cho-dhùnaidh .

Iran

Dh'innis Iran gun deach a' chiad fhear den luchd-iomairt a chur gu bàs a ghabh pàirt san togail fianais a thòisich san t-Sultain an aghaidh an riaghaltais. Thuirt na h-ùghadarrasan Iranianach gun tug an duine ionnsaigh air saighdear, ga leòn, agus gun do chuir e bacadh air trafaig.

Diuc agus Bana-Dhiuc Shussex

Dh'fhoillsich Netflix a' chiad thrì earrannan den t-sreath air Diuc agus Bana-Dhiuc Shussex. Anns an t-sreath tha Harry agus Meghan ag innse, nam briathran fhèin, dè as coireach gun do chuir iad cùl rin obair rìoghail. Anns a' chiad phrògram tha Harry ag ràdh gu bheil dleasdanas air a bhith a' toirt am follais, mar a thuirt e fhèin, dòighean-obrach 'suarach' nam meadhanan ann am Breatainn.