
Chaidh Iain Moireasdan ainmeachadh mar chathraiche ùr MG ALBA.
Tòisichidh Mgr Moireasdan, a bhoineas do dh'Uibhist a Tuath bho thùs, aig toiseach na Bliadhna Ùire.
Stèidhich e a' chompanaidh chonaltraidh, Morrison Media, ann an 2012.
Bha e ron sin na fhear-naidheachd aig a' BhBC fad còrr is 20 bliadhna.
Tha e fhathast ag obair air a' phrògram Spòrs na Seachdain air BBC Radio nan Gàidheal.
Dhearbh Ofcom cuideachd gu bheil Ingrid NicEanraig a' dol air bòrd MG ALBA a mar riochdaire Bhòrd na Gàidhlig.

'S ann à Loch Abar a tha a' Bh.Ph. NicEanraig is i a' fuireach ann an Gleann Fhionnainn.
Tha i air a bhith an sàs ann an ceòl traidiseanta fad cha mhòr 30 bliadhna, is seo a' toirt a-steach craoladh agus obair-teagaisg.
Tòisichidh i air a' bhòrd bhon 12na den Dùbhlachd.
Dhearbh Rùnaire an Fhoghlaim, Shirley-Anne Somerville BPA, an dithis air a' bhòrd às dèidh dhaibh a bhith air an cur adhart le Ofcom.
Chuir i meala-naidheachd orra is i ag ràdh gu bheil i misneachail gun cur iad gu mòr ri MG ALBA.