MV Lord of the Isles fhathast na tàmh

  • Air fhoillseachadh
LOTI

Cha bhi seirbheis aiseig eadar Loch Baghasdail is Malaig a-rithist Dimàirt is obair-càraidh a' leantainn air an Lord of the Isles.

Bha am bàta na tàmh Diluain is sreath de thrioblaidean air buaidh a thoirt oirre.

Chaidh obair-càraidh a dhèanamh oirre an t-seachdain seo chaidh is e air tighinn am bàrr gun robh pìos stàilinn air an aiseag air caitheamh.

Nochd an uair sin trioblaid le siostam ràdair an Lord of the Isles, a thuilleadh air duilgheadasan leis an einnsean is ceist eile mun stàilinn.

Dh'innis CalMac nach bi e comasach seirbheis a ruith Dimàirt is einnseanair a' toirt sùil air an aiseag.

Gheall iad gun tèid barrachd fiosrachaidh a sgaoileadh, taobh a-muigh tron là Dimàirt a thaobh sheirbheisean eile an t-seachdain seo.

Mì-thoilichte

Thuirt Cathraiche Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robastan, gur e suidheachadh "draghail" a th' ann.

"Tha grunn rudan a tha ceàrr an seo is tha e gu math draghail, gnothach an stàilinn gu h-àraid.

"Tha daoine mì-thoilichte mar a thuigeas tu, is gu h-àraid an dèidh dhi dìreach a' tighinn a-mach às an doc bho chionn ghoirid", thuirt e.

Dh'innis Mgr Robasdan gu bheil iomagain ann cuideachd mun ùine nuair a bhios cidhe Ùige dùinte is uallach a bharrachd mar sin air an Lord of the Isles le seòlaidhean a bharrachd.

Thuirt e gu bheil grunn dhaoine air seo a thogail leis is gu bheil e a-nise air sgrìobhadh gu Ministear na Còmhdhail le moladh gun dèan an Hebrides barrachd sheòlaidhean le criutha nas motha.

Tuilleadh air an sgeulachd seo