
Tha droch shìde a' toirt buaidh air grunn sgoiltean a-rithist Dimàirt.
Tha cuid dùinte air sgàth staid nan rathaidean.
Tha sin cuideachd a' ciallachadh nach bi cuid de sgoiltean fosgailte a' chiad char, no cha bhi iad fosgailte ach gu ìre tron là.
Gheibhear am fiosrachadh as ùire a thaobh sgoiltean ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd an seo, taobh a-muigh.
Tha rabhadh buidhe, taobh a-muigh airson sneachda is deigh an sàs aig tuath gu Diardaoin.
Thuit i cho ìosal ri -17.3C ann am Bràigh Mhàrr tron oidhche Diluain, an oidhche as fhuaire den bhliadhna.