Taic mhòr dha Hamza Yassin an Àird nam Murchan

  • Air fhoillseachadh
Hamza Yassin
Fo-thiotal an deilbh,

Jowita Przystal is Hamza Yassin.

Tha daoine ann an Àird nam Murchan a' dèanamh gàirdeachais is fear a tha a' fuireach san sgìre air cuairt dheireannach a' phrògraim Strictly Come Dancing a ruighinn.

Rinn an t-eòlaiche nàdair is fear-camara Hamza Yassin a dhachaigh ann an Cille Chòmhain bho chionn 11 bhliadhna.

Rugadh e ann an Sudan is ghluais e dhan Rìoghachd Aonaichte nuair a bha e 8.

Tha e air obrachadh air grunn phrògraman telebhisein mu fhiadh-bheatha.

Bha Hamza air innse roimhe gun robh e an dòchas èileadh a bhith air uaireigin ann an Strictly agus 's e sin e rinn e san iar-chuairt dheireannaich.

Rinn britheamhan Strictly Come Dancing moladh mòr air Mgr Yassin agus Jowita Przystal, an dannsair proifeiseanta a tha a' dannsa còmhla ris air a' phrògram.

Hamza air Let's Go For A Walk
Fo-thiotal an deilbh,

Hamza air a' phrògram Let's Go For A Walk.

Tha soirbheachas an dithis air muinntir Àird nam Murchan fhàgail air an dòigh is cuid air a bhith a' tighinn cruinn 'son coimhead Strictly còmhla san ionad choimhearsnachd ionadail.

"Bha e dìreach sònraichte - cho luath 's a nochd e le èileadh air", thuirt tè de nàbaidhean Hamza, Gayle Richardson.

"Bha e air leth is tha sinn uile cho moiteil às.

"Tha a h-uile duine an seo a' leantainn Hamza a-nise, fiù 's feadhainn nach do choimhead Strictly Come Dancing roimhe.

"'S e duine gasda a th' ann. Bha fios againn bho na cèilidhean againn an seo gun robh e aotram air a chasan is tha sinn dìreach cho moiteil às", thuirt i.

Bidh cuairt dheireannach Strictly Come Dancing ann oidhche Shathairne air BBC1.