Cead do leasachadh a' Bhucht

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal,

Aithris Eileen NicDhòmhnaill air Pàirc a' Bhucht.

Thug comhairlichean air a' Ghàidhealtachd cead-dealbhachaidh seachad do leasachadh luach £7.1m aig Pàirc a' Bhucht ann an Inbhir Nis.

Tha seo am measg phròiseactan a fhuair maoineachadh bho Stòras Cothromachaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Thàinig £20m airson leasachaidhean aig a' Bhucht, aig Pàirc Cruinneachaidh a Chinn a Tuath, is aig Caisteal Inbhir Nis.

Àite-taisbeanaidh

Fo na planaichean a thaobh Pàirc a' Bhucht, thèid ùrachadh a dhèanamh air an stand agus thèid goireasan ullachaidh ùra do chluicheadairean a stèidheachadh.

A thuilleadh air sin, thèid togalach ùr a thogail ri taobh an stand agus àite-taisbeanaidh iomain am measg na bhios na chois.

Dh'aontaich comhairlichean air Comataidh Dealbhachaidh a Chinn a Deas, taobh a-muigh Dimàirt cead a thoirt dhan leasachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo