
Sgaoil Poileas Alba dealbhan CCTV de dh'fhireannach a tha a dhìth san Aghaidh Mhòir.
Tha iomagain a' sìor fhàs mu Rodrigo Falcon, 33, às dèidh dha a dhol a dhìth ann an uairean beaga na maidne Didòmhnaich.
Dh'innis Poileas Alba gu bheil na dealbhan a' sealltainn Mhgr Falcon a' coiseachd air Rathad Grampian ann an ceann a deas na h-Aghaidh Mòire mu 03:10m Didòmhnaich.

Tha na dealbhan a' sealltainn Rodrigo Falcon a' coiseachd ann an ceann a deas na h-Aghaidh Mòire.
Cha robh seacaid air aig an àm is tha iomagain mhòr air a charaidean mu dheidhinn is an aimsir air a bhith cho fuar anns na làithean mu dheireadh.
Tha iad fhèin is daoine eile sa choimhearsnachd air a bhith a' feuchainn ri lorg fhaighinn air.
Dh'iarr Poileas Alba taic an t-sluaigh is iad cuideachd air oifigearan sònraichte a thoirt a-steach.

"Tha e gu math follaiseach gu bheil dragh mòr sa choimhearsnachd mu Rodrigo is bu thoil leam taing a thoirt dhan a h-uile duine airson gach taic thuige seo", thuirt an t-Àrd-Inspeactor Alasdair MacLeòid bho Phoileas Alba.
"Tha na dealbhan a' sealltainn nach robh seacaid air Rodrigo, ach geansaidh dhearg is dìons.
"Tha e 5'6'', caol, le gruag dhorcha ann an stoidhle mullet, le mustais agus feusag", thuirt e.