
Fhuair aithisg nach robh seacaid-sàbhalaidh no teadhair air iasgair a bhàsaich às dèidh tubaist ann an Caolas Rùim an-uiridh.
Chaochail sgiobair Reul a' Chuain, Lachlan Robasdan, 61, às dèidh dha tuiteam dhan mhuir is e a' feuchainn ri fear eile den chriutha a shàbhaladh.
Bha am bàta ag iasgach a-mach à Malaig is bha i a' tilleadh dhachaigh nuair a thachair an tubaist air an 24mh den Ògmhìos 2021.
Dh'innis aithisg bho Bhuidheann Rannsachaidh nan Tubaistean Mara (MAIB) gun robh fear eile den chriutha air tuiteam dhan mhuir ann an droch shìde fhad 's a bha e a' feuchainn ri grèim fhaighinn air an lìon, a bha air tuiteam bho chùl a' bhàta.
Dh'fheuch Mgr Robasdan ri cobhair a dhèanamh air ach thuit e fhèin dhan mhuir cuideachd.
Chaidh aig an treas duine a bha air bòrd air an dithis fhaighinn air ais air Reul a' Chuain, ach chaochail Mgr Robasdan.
Bha Mgr Robasdan air a bhith san uisge 'son 20 mionaid mus deach cobhair a dhèanamh air. Thuirt an MAIB gum biodh cothrom na b' fheàrr air a bhith aige tighinn beò às an tubaist nam biodh seacaid-sàbhalaidh air a bhith air.
Fhuair aithisg an MAIB:
nach robh na lìn aig cùl a' bhàta ceangailte
gun robh an criutha den bheachd gur e suidheachadh èiginn a bha seo is gun deach iad an sàs gun measadh a dhèanamh air a' chunnart
nach robh teadhair air a' chriutha
nach robh seacaidean-sàbhalaidh air an dithis a thuit dhan mhuir
nach robh iad air ullachadh a dhèanamh mu choinneimh cuideigin a bhith a' tuiteam dhan mhuir
Thuirt an MAIB gu bheil iad mar-thà air bileag le fiosrachadh mu shàbhailteachd a sgaoileadh dha gnìomhachas an iasgaich is nach eil an còrr mholaidhean aca.