MV Arrow ga fastadh 'son seirbheisean Ùige

  • Air fhoillseachadh
Cala ÙigeTùs an deilbh, Còmhdhail Alba

Chaidh soitheach a bharrachd fhastadh airson cuideachadh le seirbheisean aiseig fhad 's a tha obair ga dèanamh air Cala Ùige san Eilean Sgitheanach.

Fàgaidh an MV Arrow a bhith am measg chabhlach ChalMac gum bi seirbheisean eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh dheth airson 14 seachdainean, an àite 24 seachdainean mar a bha dùil an toiseach.

Chaidh an MV Arrow fhastadh le taic-airgid a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba.

"Tha mi toilichte gun deach againn air airgead a bharrachd a thoirt seachad gus an gabhadh an MV Arrow fhastadh airson cuideachadh fhad 's a tha an obair riatanach seo a' dol air adhart aig Cala Ùige," thuirt Ministear na Còmhdhail, Jenny Gilruth.

"Sheall Riaghaltas na h-Alba mar thà gu bheil iad da-rìribh mu bhith a' toirt taic do choimhearsnachdan air an toir seo buaidh, le bhith a' maoineachadh prògram ath-leasaichte na h-obrach, agus tha an MV Arrow na ceum a bharachd gus buaidh na h-obrach seo a lùghdachadh air luchd-siubhail, luchd-bathair agus frithealadh stuthan.

"Tha sinn ag aithneachadh nach eil fàilte air rud sam bith a bheir buaidh air na h-aiseagan, ach tha am pròiseact seo riatanach airson seirbheisean aiseig agus cleachdadh Chala Ùige a thoirt am feabhas san ùine fhada," thuirt i.

Tha CalMac an-dràsta ag obair air clàran-ama airson an MV Arrow, agus thèid fiosrachadh fhoillseachadh mu dheidhinn sin a dh'aithghearr.

"Tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth còmhla ri Còmhdhail Alba feuch an gabhadh soitheach eile fhastadh, agus tha sinn a' cur fàilte mhòir air an MV Arrow," thuirt Àrd-Oifigear ChalMac, Robbie Druiminneach.

"'S e àm dùbhlanach a bhios ann an dùnadh Chala Ùige dhan luchd-cleachdaidh againn, agus bheir fastadh an MV Arrow faochadh mòr dhan t-suidheachadh," thurt e.