
Tha mòran obrach ga dhèanamh air Linne Chrombaigh a thaobh chumhachd ath-nuadhachail agus dùnadh sìos raointean ola a' Chuain a Tuath
Thuirt eòlaiche eaconomach air a' Ghàidhealtachd gum faodadh suas ri 800 dreuchd tighinn dhan sgìre nan deigheadh saor-phort uaine a chruthachadh ann an Linne Chrombaigh.
Aig a' cheart àm thuirt Tony MacAoidh nach biodh an inbhe às aonais dhùbhlan aig ìre thràth.
Tha dùil gun tèid dà shaor-phort a stèidheachadh ann an Alba, le Linne Chrombaigh ga cur air adhart mar thè dhiubh.
Bidh inbhe chìse shònraichte aig saor-phuirt, a leigeas leotha farpais nas èifeachdaiche a dhèanamh airson chùmhnantan mòra eadar-nàiseanta.
Thuirt Mgr MacAoidh gu bheil e doirbh aig an ìre seo faicinn cò na companaidhean eadar-nàiseanta a dh'fhaodadh an sgìre a thàladh, a dh'aindeoin adhartais le pròiseactan ath-nuadhachail aig Gàrradh Bhàgh an Eig.
Ma shoirbhicheas leis a' phròiseact ge ta, tha e den bheachd gum faodadh suas ri 800 cosnadh a bhith air an cruthachadh.
Tha dùil ri dearbhadh bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cò na sgìrean a thèid a dhèanamh nan saor-phuirt sa bhliadhna ùir.