Dàrna là stailce aig luchd-obrach nam port-adhair

  • Air fhoillseachadh
HIAL

Tha buill den aonadh Unite a tha ag obair do Chompanaidh Phort-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIAL) air a dhol air stailc airson an dàrna là an t-seachdain seo.

Tha an iomairt-obrach a' fàgail gu bheil na puirt-adhair ann am Barraigh, Beinn nam Faoghla agus Sumburgh dùinte agus nach bi an uimhir de sheirbheisean ann an Steòrnabhagh neo Kirkwall.

Bha luchd-smàlaidh, luchd-obrach rianachd agus tèarainteachd air stailc Diluain.

Dhiùlt iad àrdachadh pàighidh 5%, tairgse ris na ghabhar a rèir Unite agus an atmhòrachd cho àrd 's a tha i air a bhith ann an 40 bliadhna.

Thuirt HIAL gum biodh na puirt-adhair aca ann an Ceann Loch Chille Chiarain, Dùn Dè, Inbhir Nis, Ìle, Tiriodh agus Inbhir Ùige fosgailte mar as àbhaist Diaordain.

Conaltradh

Thuirt Wendy Dunsmore bho Unite: "Chan eil sinn a dh'aona-ghnothach ag amas air buaidh a thoirt air siubhal aig àm na Nollaige. Tha sinn air conaltradh uair às dèidh uair leis an luchd-fastaidh agus chan eil dol às aig an luchd-obrach a-nis ach an ceum seo a ghabhail.

"'S e fìor bhriseadh-dùil a th' ann do luchd-siubhail, agus na adhbhar tàmailte dha na coimhearsnachdachan ach tha an luchd-obrach cuideachd tàmailteach gum feum iad seo a dhèanamh."

Thuirt HIAL gun do dhearbh Unite gum biodh na buill aca a' dèiligeadh ri cùisean èiginneach air gach là stailce.

Thabhainn àrd-stiùiriche HIAL, Inglis Lyon, leisgeul do luchd-siubhail agus do na companaidhean-adhair.

Thuirt e: "Tha sinn mothachail de na dùbhlain ionmhais ro na co-obraichean againn ach, aig a' cheart àm, 's e adhbhar dìth-mhisneachaidh dhuinn gu bheil iad a' dol air stailc agus gun adhbhraich sin troimh-chèile dhan luchd-siubhail againn agus do choimhearsnachdan ionadail cho faisg air an Nollaig."

Chaidh iarraidh air luchd-siubhail bruidhinn ris na companaidhean-adhair aca.