
Chaidh na poilis a ghairm an dèidh sreath ionnsaighean san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse san Lùnastal
Tha comataidh ann an Westminster ag iarraidh leasachaidh air siostam ceadachd nan gunnaichean ann an Alba an dèidh sreath thachartasan le gunna san Eilean Sgitheanach agus Taobh Siar Rois.
Tha Comataidh nan Cùisean Albannach a' moladh siostaim ùir dà-ìre a thoirt a-steach a dhèanadh sgaradh eadar daoine a tha ag iarrraidh cead gunna airson cur-seachad agus feadhainn a dh'fheumas cead airson an cuid obrach.
Tha iad ag iarraidh air an riaghaltas ath-sgrùdadh a dhèanamh air an t-siostam a th' ann an-dràsta far an urrainn do dhaoine iad fhèin dithis ainmeachadh airson taic a chur ris an iarrtas aca.
Measadh
Tha iad cuideachd a' moladh gun obraicheadh Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas Westminster còmhla airson siostam a nì measadh air slàinte-inntinn an fheadhainn a tha a' sireadh cead a neartachadh.
Thòisich a' chomataidh an sgrùdadh an dèidh bàs Iain MhicFhionghain, 47, a mharbhadh an dèidh mar a chaidh gunna a losgadh ann an Teanga ann an Slèite an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich san Lùnastal.
Tha Fionnlagh Dòmhnallach, 39, fo chasaid muirt agus thathas cuideachd a' cur as a leth gun do dh'fheuch e ri murt a dhèanamh air tè, 32, agus air boireannach agus fireannach a tha le chèile 63 bliadhna de dh'aois, ann an sreath thachartasan le gunna agus sgìthinn san Eilean Sgitheanach agus san Dòrnaidh air Taobh Siar Rois.
Chuala rannsachadh na comataidh gum faodadh am pròiseas airson gunna fhaighinn suas ri £500 a chosg, agus gur iad na poilis a tha a' pàigheadh a' chuid as motha den chosgais sin.
Thuirt iad gum bu chòir dhan fheadhainn a tha ag iarradh gunna airson spòrs làn-chosgais an tagraidh aca a phàigheadh, seach na poilis.
Mhol a' chomataidh cuideachd gum bu chòir dhan fheadhainn a dh'fheumas gunna airson an cuid-obrach nas lugha a phàigheadh.

Bhàsaich Iain MacFhionghain an dèidh mar a chaidh gunna a losgadh san Eilean Sgitheanach
Tha na BP cuideachd airson agus gun tig atharrachadh air an t-siostam a th' ann an-dràsta a tha a' leigeil le daoine a chuireas a-steach airson cead an fheadhainn a bhios a' fìreannachadh cho airidh 's a tha iad air gunna ainmeachadh iad fhèin.
Nochd a' chomataidh draghan nach robhar gu math tric a' bruidhinn ris an fheadhainn as dlùithe dhan tagraiche.
Thuirt cathraiche na comataidh, Pete Wishart BP: "Tha daoine air feadh Alba, agus gu dearbha san Rìoghachd Aonaichte air fad, air an uabhasachadh le mar a thachair san Eilean Sgitheanach, agus feumar beachdachadh air a bheil na riaghailtean ceadachaidh teann gu leòr.
"Fhuair a' chomataidh againn gu bheil an siostam ag obrachadh glè mhath san fharsaingeachd agus gur e sin as coireach nach tachair ach fìor chorra uair eucoir le gunna.
"Ach gabhaidh fhathast an siostam leasachadh."
'Siostam caraid'
Thuirt e gum b' urrainn dha na molaidhean aca do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dìon a chur air an sporan phoblach, riaghailtean toinnte a dhèanamh nas sìmplidh agus taic slàinte-inntinn nas fheàrr a thoirt dhaibhsan aig a bheil ceud gunna.
Thuirt Mgr Wishart: "Cha bu chòir gabhail ris gur e luchd-pàighidh cìse a bhios a' pàigheadh airson gach tagraidh airson cead gunna, agus bu chòir siostam dà-ìre a stèidheachadh airson dèiligeadh ris an sin.
"Gu math tric, chan eil measadh ceart ga dhèanamh air slàinte-inntinn an fheadhainn aig a bheil cead gunna.
"Bu choir dha na riaghaltasan againn a bhith ag obair còmhla a bheachdachadh air a bheil an siostam a th' ann far an tèid innse do dhotair teaghalich gu bheil cead gunna aig cuideigin ag obrachadh cho math agus as urrain dha.
"Bu chòir "siostam caraid" a bhith air a thoirt a-steach, 's dòcha taobh a-staigh bhuidhnean losgaidh spòrs, airson a dhèanamh comasach do dhaoine an cuid draghan a thogail mu shlàinte-inntinn an caraid."
Chuir BP SNP Rois, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abar, Iain Blackford, fàilte air na molaidhean.
"Mar urram don phoball san Eilean Sgitheanach agus ann an coimhearsnachdan eile tha e mar dhleastanas oirnn dèanamh cinnteach gun tèid an siostam ceadachaidh airson ghunnaichean a neartachadh."