
Thèid na bàtaichean ùra a thogail aig an aon gharradh san Tuirc ri dà bhàta-aiseig ùr airson slighe Ìle.
Thèid dà bhàta-aiseig ùr Chalmac a thogail anns an Tuirc.
Dhearbh Riaghaltas na h-Alba aig deireadh an Dàmhair gun cosgadh iad £115m air soitheachan ùra airson na slighe eadar Ùige, Loch nam Madadh agus an Tairbeart.
Tha an gàrradh Tuirceach Cemre mar-thà a' togail dà shoithich eile airson slighe Ìle.
'S ann stèidhichte air an aon dreach ris an dà shoitheach sin a bhios na bàtaichean ùra cuideachd.
Tagradh
Cha do chuir Gàrradh MhicFhearghais tagradh a-steach airson na soitheachan a thogail agus cha do nochd e air a' gheàrr-liosta airson na soitheachan Ìleach.
Thuirt ceannard shoitheachan CMAL Jim Anderson: "'S e ceum mòr air adhart ann a bhith a' faighinn shoitheachan ùra airson nan slighean eadar Ùige, Loch nam Madadh agus an Tàirbeart a tha seo.
Rinn Tòraidhean na h-Alba càineadh air Riaghaltas na h-Alba.
"'S e sganail a th' ann gu bheil an SNP air gnìomhachas togail nan soitheachan ann an Alba a chur ann an stait far nach urrainnear a bhith fiù 's a' dèanamh tagraidh airson a leithid de dh'obair."