
Rinn heileacoptar mhaoir-chladaich Steòrnabhaigh cobhair air fear a chaidh a ghoirteachadh air bòrd bàta-iasgaich mu 60 mìle iar air Uibhist a Deas oidhche Aordaoin.
Chaidh a sgèith a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
Chan eil fhios dè an staid sa bheil an duine, ach chan eilear dhen bheachd gu bheil e an cunnart a bheatha.