
Tha daibhearan air a dhol an sàs san rannsachadh airson duine a tha air a bhith a dhìth anns an Aghaidh Mhòir fad trì seachdainean gu leth.
Chan fhacas Rodrigo Falcon, a tha a' fuireach agus ag obair sa bhaile, bho thràth sa mhadainn Là na Sàbaid an 11mh là dhen mhìos.
Chaidh dealbhan CCTV a thogail de Mhr Falcon, 33, an uair sin a' coiseachd air Rathad Roinn a' Mhonaidh gu ceann a deas na h-Aghaidh Mòire.
Tha earrann de dh' Uisge Spè ga sgrùdadh leis na poilis, agus iad gu bhith a' rannsachadh lochan san sgìre anns an ath cheum aca.