
Thuirt Cathraiche Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robastan, gun robh daoine a' fàs sgìth de leisgeulan ChalMac.
Bha e a' bruidhinn agus dàil ann le foillseachadh clàran-ama nan aiseagan airson an t-samhraidh.
Cha tig sin gu deireadh na h-ath-mhìos, agus bidh an uair sin bucadh air fosgladh airson seirbeisean gu toiseach an Òg-Mhìos.
Bha CalMac ag ràdh gun robh dàil ann bho nach robh faraidhean nan seirbheisean air aontachadh fhathast.
Thuirt Ùisdean Robastan gun adhbharaich seo mì-chinnt do dhaoine a dh'iarradh siubhal a chur air dòigh agus gun robh foillseachadh nan clàran-ama air a bhith a' fàs nas anmoiche.