Rabhaidhean buidhe 'son uisge

  • Air fhoillseachadh
Abhainn Nith

Dh'fhaodadh gun adhbhraich uisge trom tuiltean agus trioblaidean siubhail an t-seachdainn seo.

Tha Oifis na Sìde air rabhadh buidhe a chur an sàs airson uisge.

Tha an rabhadh buidhe an sàs a-nis airson na Gàidhealtachd, siorrachd Obar Dheathain, meadhan na h-Alba, taobh sear agus ceann a deas na dùthcha cuideachd.

Tha trì rabhaidhean deug airson tuiltean cuideachd an sàs air feadh na dùthcha.

Le sneachd a' leaghadh air na cnuic, agus uisge glè throm aig amannan, tha dùil ri tuiltean agus gum faodadh iad sin buaidh a thoirt air siubhal.

Tha na Poilis ag iarraidh air draibhearan sùil a thoirt air a' chomhairle mu bhith a' draibheadh ann an droch shìde.

Mairidh an rabhadh buidhe gu 06:00 Diciadain.

Agus tha buaidh thuiltean na seachdainn seo chaidh a' leantainn fhathast.

Tha Network Rail ag innse gum bi prìomh loidhne rèile a' chosta an iar eadar Alba agus Sasainn dùinte gu Dihaoine aig a' char as tràithe.