
Tha rabhadh ga thoirt do dhraibhearan agus luchd-coiseachd aire a ghabhail agus deigh a' toirt buaidh air rathaidean agus cabhsairean na dùthcha.
Tha rabhadh buidhe bho Oifis na Sìde a' gabhail a-steach Alba air fad, agus mairidh seo gu 11:00 Diluain.
Tha buaireadh air loidhnichean rèile na dùthcha a' toirt buaidh air luchd-siubhail cuideachd.
Dh'innis Network Rail do luchd-siubhail nach fhosgail prìomh loidhne rèile a' chost an iar eadar Glaschu agus Cathar Luail gu Dihaoine an 6mh den Fhaoilleach.
Dhùin an loidhne Dihaoine an 30mh den Dùbhlachd às dèidh maoim-sleibhe aig Carstairs ann an Siorrachd Lannraig a Deas.
Moladh
Thuirt Network Rail gu bheil iad ag obair moch is anmoch airson an spruilleach fhaighinn far na loidhnichean rèile, agus am bruach a dhèanamh sàbhailte.
Tha a' chompanaidh rèile, Avanti West Coast, a' moladh do dhaoine gun a bhi a' siubhal tuath air Cathar Luail leis nach bi seirbheisean ann dhaibh.
Bheir stailcean rèile buaidh air luchd-siubhail bho Dhimàirt an 3mh den Fhaoilleach cuideachd.