Naidheachdan 11:00m

Stailc Rèile

Chan eil a' ruith ach fìor bheag de sheirbheisean trèana an-diugh air an dàrna là de stailc aonadh an RMT a tha a' gearain mu phàigheadh agus cùmhnantan obrach. Agus tha ceannard ùr Chaidreachas nan Aonaidhean Ciùird ag iarraidh coinneimh leis a' Phrìomhaire Rishi Sunak airson feuchainn ri rèite a dhèanamh mu na stailcean a th' air feadh na roinne poblaich.

Prìsean

Thàinig rabhadh bho Chaidreachas Luchd-reic Bhreatainn gum faodadh prìsean nas motha a bhith sna bùithdean bhon Ghiblean nuair a sguireas an sgeama a tha a' toirt taic dhaibh an-dràsta le cosgaisean cumhachd. Tha làn-dùil aig ceannardan a' ghnìomhachais, a bhios a' coinneachadh ris an t-Seansalair Jeremy Hunt an-diugh a dheasbad sgeama ùir, gun tèid an taic a th' ann an-dràsta a ghearradh gu leth.

An Ucràin

Thuirt an Ruis gun do dh'èirich àireamh nan saighdearan a chaill am beatha ann an ionnsaigh Ucràinianaich air gearastan eadar-amail Disathairne seo chaidh, gu 89. 'S e 63 an àireamh a bha Mosgo ag ràdh ron seo. Thuirt Mosgo gum faigh iad freagairt bho na h-oifigich aca a rinn mearachdan a thug cothrom dha na feachdan Ucràinianach ionnsaigh a thoirt orra.

A&E

Tha na figearan as ùire ag ràdh gur e beagan nas lugha na 57% de dh'euslaintich ris an deach sealltainn aig ionadan tubaiste agus èiginn aig ospadail na h-Alba an taobh a-staigh targaid ceithir uairean de thìde an Riaghaltais. 'S e an targaid gun tèid dèiligeadh ri 95% anns an ùine sin. Tha an àireamh beagan nas fheàrr na bha an t-seachdain ron sin.

Taigh nan Riochdairean

Nì Taigh nan Riochdairean sna Stàitean Aonaichte oidhirp eile an-diugh air labhraiche ùr a thaghadh an dèidh do Phoblachdaich bhon làimh dheis stad a chur air prìomh thagraiche a' phàrtaidh aca fhèin, Kevin McCarthy. Sin a' chiad uair ann an ceud bliadhna a dh'fhaillich air an taigh labhraiche ùr ainmeachadh anns a' chiad sheisean aca.

Cumhachd Uaine

Tha Tòraidhean na h-Alba ag ràdh gum faodadh cosgaisean cho mòr ri còrr is £30,000 tighinn air dachannan ann an sgìrean dùthchail le riaghailtean ùra mu chumhachd uaine. Tha na Tòraidhean ag ràdh, le riaghailtean ùra Riaghaltas na h-Alba, gun tig air còrr is 40,000 dachaigh siostam teasachaidh ùr uaine a chur an sàs. Tha iad ag ràdh gu bheil am poileasaidh ga chur an sàs gun beachd air chosgais. Tha an Riaghaltas ag ràdh gum bi taic ann le grantaichean agus iasadan.