Rabhadh mu bhuidseat Comhairle na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Comhairle na Gàidhealtachd

Thug ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Reamonn Bremner, rabhadh seachad gum faodadh gearraidhean ann an seirbheisean is àrdachadh ann an cìsean a bhith a dhìth is an t-ùghdarras a' strì ri duilgheadasan mòra airgid.

Tha toll luach timcheall air £41m ann am buidseat na Comhairle airson na h-ath-bhliadhna ionmhais.

Thuirt Mgr Bremner gu bheil an t-ùghdarras a' beachdachadh air na roghainnean a tha mun coinneimh, 's e ag ràdh gu bheil dùbhlan mòr romhpa.

Thuirt e gum faodadh Cìs na Comhairle a dhol an-àirde agus na chosgas cuid de sheirbheisean do dhaoine.

Choirich e àrdachadh na h-atmhorachd, buaidh a' phandemic agus staing chosgaisean bhith-beò.