Naidheachdan 11:00m
Na Làbaraich
Dh'fhoillsich ceannard a' Phàrtaidh Làbaraich an lèirsinn aige airson na nì iad ma bhuannaicheas iad an ath thaghadh coitcheann. A' bruidhinn ann an taobh sear Lunnainn an-diugh thuirt Sir Keir Starmer gun deach cus chumhachd a chàrnadh aig Westminster thar nam bliadhnaichean, agus gun deadh sin a thiomnadh gu coimhearsnachdan ionadail. San òraid aige, mhol Sir Keir an roinn phrìobhaideach, agus dh'aidich e gun robh daoine air bhòtadh airson Bhrexit seach seach gun robh iad ag iarraidh barrachd smachd fhaighinn air na bha a' tachairt sna coimhearsnachdan aca fhèin.
Benedict XVI
'S e am Pàpa Proinnseas a bh' air ceann seirbheis adhlacaidh an t-seann Phàpa Benedict anns a' Bhatacan an-diugh. Chruinnich na mìltean ann an Ceàrnag an Naoimh Peadair airson an aifreann tiodhlaigidh aig Benedict, a chaochail Disathairne aig aois 95. Thèid aifreannan tiodhlaigidh a chumail ann an Alba aig àm lòin, le seirbheisean ann an Cathair-eaglais an Naoimh Calum Cille anns an Òban, Cathair-eaglais an Naoimh Moire ann an Dùn Èideann, agus Cathair-eaglais an Naoimh Anndra ann an Glaschu.
Ola is Gas
Tha buill-phàrlamaid ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ceann-là ainmeachadh airson sgur a bhith a' toirt seachad cheadan ùra airson a bhith a' leasachadh raointean ola agus gas. Tha dùil gun tèid còrr is 100 cead tollaidh a thoirt seachad am-bliadhna a dh'aindeoin 's gu bheil luchd-saidheans ag ràdh gum feum sinn gluasad air falbh bho chonnaidhean fosail. Thuirt Comataidh Sgrùdaidh na h-Àrainneachd nach eil an Riaghaltas air cuideam gu leòr a chur air a bhith a' cùmhnadh chumhachd, agus iad ag iarraidh iomairt nàiseanta airson dachannan a dhèanamh nas blàithe.
Stailcean Rèile
Cuiridh stailcean rèile tuilleadh maill air luchd-siubhail air feadh na Rìoghachd an-diugh le dràibhearan rèile air prìomh loidhnichean a' chosta an iar agus a' chosta an ear air coiseachd a-mach airson 24 uairean. Tha an stailc a' ciallachadh nach bi seirbheisean sam bith air loidhne a' chosta an iar, agus dìreach corra thrèana a' ruith air a' chosta an ear.
Sreapadair
Chaidh sreapadair a bhàsaich air Beinn Nibheis ainmeachadh mar Mark Bessell, tidsear aois 48 à Bristol. Chaidh Mgr Bessell a mharbhadh Dihaoine seo chaidh nuair a chaidh e fhèin agus a chompanach a ghlacadh ann am maoim-sneachda air taobh a tuath na beinne.
2022
Thuirt Oifis na Sìde gur i 2022 a' bhliadhna as blàithe riamh a chaidh a chlàradh anns an Rìoghachd Aonaichte. Chaidh blàths cuibheasach de chòrr is 10C a chlàradh airson a' chiad uair. 'S i an Dùbhlachd an aon mhìos a bha beagan nas fhuaire na 's àbhaist.
An Teaghlach Rìoghail
'S a rèir aithris anns a' Ghuardian canaidh leabhar fèin-eachdraidh a' Phrionnsa Harry gun tug a bhràthair ionnsaigh chorporra air às dèidh dhaibh a dhol a-mach air a chèile mu a bhean Meghan. Tha am pàipear ag aithris gun do thachair an ionnsaigh ann an 2019 ann an gàrraidhean Lùchairt Khensington, às dèidh dhan Phrionnsa Uilleam Bana-Dhiùc Shussex ainmeachadh mar "bhoireannach doirbh". Chan eil am BBC air leth-bhreac den leabhar "Spare" fhaicinn fhathast. Chan eil an Teaghlach Rìoghail air beachd sam bith a thoirt air an sgeulachd.