Cumar còmhraidhean ùra ro stailc nan tidsearan an Alba

  • Air fhoillseachadh
Seòmar teagaisgTùs an deilbh, Getty Images

Bidh còmhraidhean às ùr ann Diluain eadar riochdairean aonaidhean thidsearan agus Riaghaltas na h-Alba mus tòisich stailc dà là.

Tha dùil ri stailc am measg luchd-teagaisg ann an Alba Dimàirt agus Diciadain agus iad mì-thoilichte lem pàigheadh.

Cha bhi luchd-obrach bun-sgoile ag obair Dimàirt agus bidh luchd-teagaisg nan àrd-sgoiltean air stailc Diciadain.

An t-seachdain a chaidh thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Shirley Anne Somerville, gun robh na còmhraidhean a bh' aca Dihaoine "feumail".

Còmhraidhean ùra

Tha buill aonaidhean an EIS, EIS, NASUWT, SSTA agus AHDS an sàs san iomairt-obrach.

Tha iad mì-thoilichte le tairgse pàighidh eadar 5 agus 6.85%, agus a' sireadh àrdachaidh 10%.

Tha Comtataidh Barganachaidh airson Tidsearan an Alba a' coinneachadh arison còmhraidhean ùra Diluain.

Tha a' chomataidh a' toirt ri chèile na h-aonaidhean, an riaghaltas agus na h-ùghdarrasan ionadail.