Naidheachdan 11:00m

An NHS ann an Alba

Tha coinneamh naidheachd a' tòiseachadh an-dràsta far am bruidhinn Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, Rùnaire na Slàinte, Humza Yousaf, agus an t-Àrd-Oifigeach Meadaigeach, Gregor Smith, air a' chuideam a tha buaidh a' gheamhraidh a' cur air an NHS. Air an deireadh-sheachdain thuirt an Dr Lailah Peel, Leas-chathraiche meur Alba de Bhuidheann Meadaigeach Bhreatainn gu bheil slàinte euslainteach ann an cunnart a h-uile latha an-dràsta ann an ionadan tubaiste agus èiginn. Thuirt Humza Yousaf gu bheil Riaghltas na h-Alba a' dèanamh nas urrainn dhaibh.

Tha còmhraidhean ann an-diugh mu phàigheadh luchd-teagaisg ann an Alba ro stailcean a-màireach agus an earar. Bidh tidsearan bun-sgoile air stailc a-màireach agus anns na h-àrd-sgoiltean Diciadain. Tha na h-aonaidean a' coinneachadh an-diugh ris a' chomataidh a tha a' riochdachadh nan ùghdarrasan ionadail. Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Shirley Anne Somerville, gu bheil àite ann airson aonta ach chan eil dùil aig na h-aonaidhean ri adhartas an-diugh a chuireas stad air stailcean na seachdain seo.

Agus tha coinneamhan ann an Lunnain an-diugh eadar ministearan Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus aonaidhean slàinte, tidsearan agus luchd-obrach na rèile an dèidh sreath stailcean sa roinn phoblaich. Thuirt Còmhdhail nan Aonaidhean Ciùird, an TUC, ron choinneimh an-diugh gum feum còmhradh a bhith ann mu àrdachadh pàighidh am bliadhna ged a tha an riaghaltas air bhith ag ràdh nach eil iad deònach bruidhinn air an sin.

Tha ceannardan poileataigeach air feadh an t-saoghail a' càineadh na troimhe-chèile ann am Brazil far an tug luchd-taic seann cheannard na dùthcha, Jair Bolsonaro, ionnsaigh air a' chòmdhail agus air prìomh chùirt na dùthcha ann am Brasilia. Tha iadsan a' diùltadh gabhail ris gun do chaill esan anns an taghadh an-uiridh.

Tha seann thidsear a bha fo amharas mu ionnsaighean drabasta air òigridh ann an Alba anns na seachdadan fo chasaid a-niste gun do rinn e an aon rud ann an Afraga a Deas. Dh'fhàg an duine Colaiste Fettes ann an Dùn Èideann nuair a chaidh gearain mu dheidhinn ach fhuair e obair bliadhna an dèidh sin ann am bun-sgoil ann an Cape Town.