Cidhe Ùige gu bhith dùinte ;son ochd seachdainnean

  • Air fhoillseachadh
Cidhe ÙigeTùs an deilbh, Getty Images/Sky_Blue

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gun dùin Cidhe Ùige fad ochd seachdainnean bhon 16mh den Fhaoilleach airson obair leasachaidh.

Seo a' chiad turas a bhios an cidhe dùinte am bliadhna airson leigeil le obair a dhol air adhart airson seann bhun-structar ùrachadh.

Am measg na thèid a dhèanamh sa chiad earrann dhen phròiseact bithear a' dreidseadh grunnd na mara agus a' cur às do phìos den chidhe.

Thuirt Cathraiche Comataidh na h-Eaconamaidh agus a' Bhun-structair aig Comhairle na Gàidhealtachd, An Comh. Ken Gowans: "Tha an obair ann an Ùige riatanach airson seirbheisean aiseig eadar an t-Eilean Sgitheanach, na Hearadh agus Uibhist a Tuath a dhìon san àm ri teachd.

"'S e seo a' chiad dùnadh rè ùine a bhios ann agus chaidh a dhealbh air dhòigh agus gun gabh a' chuid as motha den obair dèanamh thairis air ochd seachdainnean.

"Mholainn do luchd-siubhail coimhead air planaichean eadar-amail ChalMac agus sùil a thoirt air an fhiosrachadh mu na clàran-ama."

Thèid drochaid a chur eadar an t-alt-aiseig agus an cidhe a th' ann an-dràsta a leigeas le seirbheisean aiseig tòiseachadh às ùr Diluain 13mh den Mhàrt airson clàr-ama an t-samhraidh 2023.

Thèid poidhlichean dìon a chur ann cuideachd a leigeas leis an luchd-togail leantainn orra ag obair fhad 's am bàta-aiseig a' seòladh.

Thuirt Àrd-Oifigear ChalMac, Robbie Druimeanach: "Rinn sinn oidhirp roghainnean eile a thoirt do luchd-siubhail nuair a bhios Cidhe Ùige dùinte, agus dh'fheuch sinn ri nas lugha de bhuaidh a thoirt orra agus as urrainn dhuinn.

"Bidh sinn a' cumail fiosrachaidh riutha agus a' cur an cuimhne luchd-siubhail nuair a bhios an cala dùinte."

Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh mu dhùnadh Cidhe Ùige an seo: Link, taobh a-muigh