
Tha na poilis air iarrtas às ùr a dhèanamh airson taic gus lorg fhaighinn air Rodrigo Falcon, 33, mìos bhon chaidh fhaicinn mu dheireadh san Aghaidh Mhòir.
Fhuair iad fios gun robh e a dhìth Là na Sàbaid an 11mh den Dùbhlachd 2022.
Rinn na poilis rannsachadh farsaing san Aghaidh Mhòir agus an sgìre mun cuairt ach cha d' fhuair iad sgeul air Mgr Falcon.
Bha Rodrigo air a bhith aig a' chlub-oidhche An Vault an oidhche a chunnacas mu dheireadh e.
'S e an sealladh mu dheireadh a th' ann dheth dealbh CCTV 's e a a' coiseachd air Rathad Grampian gu ruige ceann a deas na h-Aghaidh Mòire mu 3.10m. an 11m den Dùbhlachd 2022.

An sealladh mu dheireadh de Rodrigo Falcon air dealbh CCTV
Thuirt an t-Inspeactor Craig Johnston bho Stèisean Poilis na h-Aghaidh Mòire: "Tha mìos ann a-nis bhon chaidh innse dhuinn gun robh Rodrigo a dhìth agus a dh'aindeoin iomairt mhòr nam poileas agus na coimhearsnachd cha d' fhuair sinn lorg air fhathast.
"Tha e follaiseach bhon taic a fhuair sinn bho mhuinntir na sgìre gur e adhbhar dragh a tha seo dhaibh agus bu mhath leam taing a thoirt dhaibh airson an taice.
"Tha an iomairt againn lorg fhaighinn air Rodgrigo a' leantainn agus dh'iarrainn air duine sam bith aig a dh'fhaodadh fiosrachadh a bhith nach d' fhuair sinn fhathast thighinn a bhruidhinn rinn fiù 's ged a bhiodh iad a' smaoineachadh nach eil cus aca ri innse.
"Ma 's urrainn dhaibh ar cuideachadh thigibh air adhart le bhith a' cur fòn gu 101 agus a' toirt seachadh àireamh na cùise 2837 11mh den Dùblachd."
Tha Rodrigo còig troighean is sia òirlich de dh'àirde, caol, le falt donn ann an stoidhle mullet le feusag agus stais.
Nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh bha geansaidh dearg agu dinichean fuasgailte air.