Naidheachdan 11:00m

Stailc nan Tidsearan

Tha àrd-sgoiltean na h-Alba dùinte an-diugh agus luchd-teagaisg air stailc. Chaidh dàil a chur air na deuchainnean prelim aig cuid de sgoilearan air sàilleibh na strì-obrach. Tha na h-aonaidhean ciùird ag iarraidh àrdachadh pàighidh de 10%, rud a tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach gabh a mhaoineachadh.

Amazon

Thèid còmhraidhean a chumail an-diugh eadar ceannardan Amazon agus Ministear Gnothachais na h-Alba, Ivan McKee, agus a' chompanaidh air dearbhadh gu bheil iad a' dol a dhùnadh an ionaid lìbhrigidh aca ann Guraig. Thèid timcheall air 300 obair a chall aig an làraich, ged a tha Amazon ag ràdh gun tèid cothrom a thoirt dhan luchd-obrach gluasad gu ionadan eile na companaidh ann am pàirtean eile den Rìoghachd.

Paris

Bha oifigear poilis am measg shianair a chaidh a leòn ann an ionnsaigh sgeine aig aon de na stèiseanan rèile as trainge san Fhraing. Thachair an ionnsaigh aig an Gare du Nord ann am Paris an-diugh sa mhadainn. Tha am fear a tha fo amharas a thaobh na h-ionnsaigh a' faighinn cobhair san ospadal às dèidh do phoilis armaichte losgadh air.

Èirinn a Tuath

Tha Sinn Féin ag ràdh nach gabh iad pàirt ann an còmhraidhean ann am Béal Feirste an-diugh mu bhith ag ath-stèidheachadh fèin-riaghlaidh ann an Èirinn a Tuath mura faod ceann-suidhe a' phàrtaidh, Mary-Lou NicDhòmhnaill, a bhith an làthair. Thuirt Sinn Féin gu bheil Riaghaltas Bhreatainn a' diùltadh cead a thoirt dhan Bhana-mhaighstir NicDhòmhnaill a dhol chun na coinneimh le Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Seumas Cleverly, agus Rùnaire Èireann a tuath, Chris Heaton Harris.

An Ucràin

Thuirt Ministearachd Dìon na Ruis gu bheil sabaid a' leantainn ann an Soledar air taobh sear na h-Ucràin, a dh'aindeoin aithrisean gun robh feachdan Ruiseanach mu thràth air am baile a ghabhail thairis. Thuirt neach-labhairt ann am Mosgo gu bheil na saighdearan aca a' gluasad a-steach dhan bhaile, agus gu bheil itealain chogaidh a' toirt ionnsaigh air daingnichean Ucràinianach.

Uranium

Tha poilis bho roinn na ceannairc a' rannsachadh feuch ciamar a ràinig pìos sgudail mheadailte san robh bloighean uranium Port-adhair Heathrow air a' mhìos a chaidh. Dh'innis àrd-oifigear rannsachaidh don BhBC gun robh coltas ann gur e droch làimhseachadh san dùthaich às an tàinig an sgudal - Pagastan - a bu choireach, seach iomairt chùiltearachd sam bith a rinneadh a dh'aona-ghnothach. Tha an sgrùdadh a' leantainn.

Goldman Sachs

Dh'fhoillsich am banca Goldman Sachs gun tèid 3,200 dreuchd - timcheall air 6.5% - a ghearradh air feadh an t-saoghail. Tha àrd-oifigeach a' bhanca, Dàibhidh Soloman, air grunn dhraghan a nochdadh mu na cothroman eaconomach aig Goldman Sachs sa bhliadhna a tha romhainn.