Dearbhadh do shaor-phuirt uaine
Thàinig an dearbhadh Dihaoine gu bheil Linne Chromba agus Linne Fhoirthe a' faighinn inbhe saor-phort uaine.
Chaidh an naidheachd fhoillseachadh le Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba agus thadhal am Prìomhaire Rishi Sunak air Inbhir Ghòrdain sa mhadainn.
Tha dòchas gun tig obraichean ùra an cois na h-inbhe leis gum bi faochadh chìsean agus taraifean nas ìsle ann airson companaidhean a thadhladh annta.
Bha còig tagraichean ann à Alba uile gu lèir le Obar Dheathain, Arcaibh agus Cluaidh cuideachd a' feuchainn ris, ach a' faileachadh, an inbhe fhaighinn.