Naidheachdan 11:00m

Stailcean nan Tidsearan

Tha tidsearan ann an Alba, a bhuineas do dh'aonadh an EIS, aig toiseach sreath stailcean fad 16 là. Tha na stailcean an-diugh ann an sgìrean comhairle Ghlaschu agus Lodainn an Ear, agus leanaidh stailcean ann an dà sgìre comhairle gach là às dèidh seo. Tha Riaghaltas na h-Alba agus na comhairlean ag ràdh nach eil airgead aca airson àrdachadh pàighidh 10% a tha na tidsearan ag iarraidh.

Iarrtas an TUC

Dh'iarr Caidreachas nan Aonaidhean Ciùird air buill-phàrlamaid ann an Westminster cùl a chur ris a' bhile a tha an Riaghaltas a' moladh airson ìre de sheirbheis a ghlèidheadh aig àm stailce. Tha am bile a' dol dhan dàrna leughadh sa Phàrlamaid an-diugh.

Ionnsaigh aig Eaglais

Tha fear a tha 22 an grèim an dèidh ionnsaigh le gunna air stairsich eaglais Chatligich faisg air stèisean Euston ann am meadhan Lunnainn Disathairne. Chaidh sianar a leòn san ionnsaigh.

Àrd-cheannard a' Mhafia an Grèim

Chuir poilis anns an Eadailt fear de dh'àrd-cheannardan a' Mhafia an grèim. Bha iad fad 30 bliadhna a' coimhead airson Matteo Messina Denaro, an ceannard Mafia as motha a bha iad a' sireadh.

Coimiseanair airson Òtasam

Tha luchd-iomairt ag iarraidh coimiseanair airson òtasam ann an Alba a chumadh rian air an dòigh sa bheil buidhnean poblach mar chomhairlean agus an Riaghaltas a' dèiligeadh ris. Tha teaghlaichean a' cumail a-mach gu bheil feadhainn fad bhliadhnaidhean a' feitheamh ri dearbhadh air òtasam leis an t-siostam a th' ann an-dràsta. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun coimhead iad air an gabh coimiseanair stèidheachadh ach gun toir e ùine mhòr a' dèanamh co-chomhairle air a' chùis.

Clàran-ama nan Aiseagan

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gum bi iad a' foillseachadh chlàran-ama an t-Samhraidh a dh'aithghearr an dèidh dearbhadh bho Riaghaltas na h-Alba nach bi faraidhean a' dol suas eadar an Giblean agus an t-Sultain. Bha CalMac ag ràdh gur e sin an t-adhbhar air nach b' urrainn dhaibh faraidhean fhoillseachadh. Thuirt Ministear na Còmhdhail, Jenny Gilruth, gu bheil an Riaghaltas a' faithneachadh buaidh chosgaisean bith-beò àrda air na h-eileanan agus an troimhe-chèile air lìonra nan aiseagan bho chionn ghoirid.

Seo cuideachd a' chiad là de sheòlaidhean eadar-amail a tha CalMac a' cur air dòigh fhad 's a tha cidhe Ùige dùinte airson leasachadh eadar seo agus 13mh den Mhàrt.