Naidheachdan 11:00m
Gnè
Innsidh Rùnaire na h-Alba, Alasdair Jack, do Thaigh nan Cumantan feasgar carson a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cur stad air lagh aithne-gnè na h-Alba. Seo a' chiad uair a chleachd Westminster an cumhachd sin. Tha reachdas ris an do ghabh Pàrlamaid na h-Alba a' toirt cead do dhaoine an gnè atharrachadh gu laghail.
Cron Air-loidhne
Chuir am Pàrtaidh Làbarach fàilte air gealltanas an Riaghaltais ann an Westminster gun tèid binn prìosain air ceannardan nam meadhanan sòisealta nach cuir dìon air cloinn bho chron air-loidhne. Seachnaidh an Riaghaltas aramach an dèidh aonta a dhèanamh an-raoir le cùl-bheingearan Tòraidheach.
Dràibhearan Trèana
Bidh dràibhearan trèana a' dol air stailc a-rithist an ceann cola-deug ann an eas-aonta mu phàigheadh. Bheir stailc an aonaidh ASLEF buaidh air prìomh loidhnichean a' chosta an ear agus a' chosta an iar eadar Alba is Sasainn air a' chiad là 's an treas là den Ghearran, ach cha toir sin buaidh air seirbheisean ScotRail.
An Atmhorachd
Tha figearan ùra a' sealltainn, ged a tha an t-àrdachadh as motha ann an tuarastail ann an còrr is 20 bliadhna, gu bheil pàigheadh fhathast a' tuiteam air dheireadh air an atmhorachd. Ged a chaidh pàigheadh anns a' chumantas suas 6.4% aig deireadh na bliadhna an-uiridh, 's e dha-rìribh lùghdachadh 2.6% a bha sin leis mar a dh'èirich prìsean.
Sneachda
Tha mòran sgoiltean dùinte air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan an-diugh an dèidh tuilleadh sneachda. Tha còrr is 100 àrd-sgoil, bun-sgoil agus sgoil-àraich dùinte 's tha a h-uile sgoil ann an Sealtainn dùinte. Tha rabhadh ann air frasan geamhradail sa cheann a tuath an còrr den là an-diugh, agus a' chiad ghreis a-màireach.
David Carrick
Thèid an t-oifigear poilis David Carrick a chur às a dhreuchd gu foirmeil aig Poilis a' Mhetropolitan an-diugh. Dh'aidich esan gun do rinn e èigneachadh còrr is 20 turas, agus na h-uimhir de dh'eucoirean drabasta eile. Thuirt ceannard a' Mhet, Sir Mark Rowley, gu bheil 800 oifigear poilis eile fo rannsachadh an-dràsta fo chasaidean den aon sheòrsa.
CalMac
Thuirt Caldeonian Mac a' Bhriuthainn gur e cho sean 's a tha na bàtaichean aca as coireach gun deach cosgaisean càraidh suas 70% air a' chòig bliadhna mu dheireadh. 'S tha maill air togail bhàtaichean ùra a' fàgail gainnead shoithichean air CalMac.