
Tha mòran sgoiltean air a' Ghàidhealtachd dùinte a-rithist Diardaoin agus sneachda is deigh fhathast ag adhbhrachadh trioblaidean.
Tha sgoiltean dùinte gu sònraichte san Eilean Sgitheanach, agus feadhainn ann an sgìrean eile a' fosgladh nas anmoiche.
Ann an Uibhist, tha maill air busaichean sgoile, ach tha sgoiltean fosgailte.
Tha fhathast Rabhadh Buidhe an sàs aig Oifis na Sìde airson sneachda agus deigh gu 12:00f.