
Órla Ní Eadhra san dreasa aice Jump for Joy air an àrd-ùrlar ann an Abu Dhabi as dèidh dhi atharrachadh a dhèanamh air, agus air a cùlaibh dealbh den dreasa ro na h-atharrachaidhean.
Cha robh ach còig mionaidean deug air fhàgail mus biodh Órla air an àrd-ùrlar.
Fad mhìosan bha i air a bhith a' dèanamh deiseil airson seo, a' dealbhachadh agus a' cruthachadh dreasa agus maise-ghnùis, agus an uairsin a' siubhal gu Abu Dhabi sna h-Iomaraitean Arabach Aonaichte (UAE).
An ceann cairteal na h-uaireach, bhiodh i a' coiseachd sìos àrd-ùrlar an Arena Etihad ann an cuairt dheireannach na farpaise fasain Junk Kouture.
An uairsin, chuala i gnog aig an doras.
'S e cuideigin bho sgioba na co-fharpais a bh' ann agus i 'son bruidhinn ri tidsear Órla, a bh' ann an Abu Dhabi còmhla rithe.
"Bha mi a' smaointinn gur dòcha gur e rud math a bh' ann, 's dòcha gun tuirt iad gu bheil thu a' dol a dh'fhaighinn duais no rudeigin," thuirt Órla.
"Ach nuair a thàinig i air ais, bha deòir na sùilean."
"Thuirt i 'Chan urrainn dhut dol a-mach. Chan eil e ceadaichte a-nis'
"Thòisich i a' rànaich air sgàth 's gun robh i cho troimh-chèile mu dhèidhinn."
Chaidh innse dhi nach robh muinntir UAE toilichte le dreasa Órla agus coltas bogha-froise air a' chorsaid, is iad teagmhach gum faodadh sin a bhith air fhaicinn mar shamhla taiceil do chòraichean LGDT.

Corsaid dreasa Órla, mus deach iarraidh oirre a h-atharrachadh.
Dh'fhaodadh i an dreasa agus a maise-gnùis atharrachadh, taobh a-staigh beagan mhionaidean, air no chan fhaigheadh i air an àrd-ùrlar.
Dh'iarr am BBC beachd bho Junk Kouture mu dhèidhinn na thachair ann an Abu Dhabi ach cha d' fhuaireas freagairt fhathast.
'S e co-fharpais fhasain do chloinn-sgoile eadar 13 agus 18 bliadhna de dh'aois a th' ann an Junk Kouture.
Feumaidh farpaisich èideadh snasail a chruthachadh le stuthan ath-chuairtichte.
'S ann à Inbhir Nis a tha Órla Ní Eadhra, 18, agus bha i fhathast na sgoilear aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis nuair a choisinn ise agus deichnear eile bhon Rìoghachd Aonaichte àite anns a' chuairt dheireannaich.
'S e Jump for Joy ainm na dreasa a rinn Órla, ag ath-chuirteachadh seann trampoline agus pàipearan suiteis.
'S e an dreasa sin a choisinn dhi àite sa chuairt dheireannaich agus an dreasa sin a nochd ann am prògram oifigeil an tachartais cuideachd.
Thuirt Órla nach robh i ag amas air puing phoilitigeach a dhèanamh ann.
Ged a tha i taiceil don choimhearsnachd LGDT, bha i airson bogha-froise a chleachdadh airson bhith a' samhlachadh neoichionta na h-òigridh.

Le dìreach beagan mhionaidean ri dhol, bha Órla agus a sgioba ag atharrachadh corsaid na dreasa.
Le dìreach beagan mhionaidean ri dhol, dh'atharraich Órla an dreasa aice.
"Nuair a bha cha mhòr a h-uile duine eile a-muigh aig a' chuairt dheireannaich, bha mise leam fhèin le mo charaid agus mo thidsear dìreach ag obair air a' chorsaid agam, a' feuchainn ri rudeigin atharrachadh gus nach biodh e mar bhogha-froise."
Bha cuideachd aig Órla ri a maise-ghnùis atharrachadh leis gur e bogha-froise a bha sin cuideachd.
Agus cha b' e sin deireadh na cùise.
Aig cùl na stèidse, bha luchd-obrach, nach robh ag obair airson Junk Kouture, a' coiseachd mun cuairt le fònaichean is a' togail dhealbhan agus bhideothan de na farpasaich agus an cuid aodaich.
"Tha mi a' smaointinn gur e boireannaich a bha a' riochdachadh riaghaltas Abu Dhabi a bh' annta," thuirt Órla.
Dh'fheuch am BBC soillearachadh fhaighinn bho Ambasaid UAE air cò bh' anns na boireannaich seo ach cha d' fhuaireas freagairt.
"Cha robh cead aca bruidhinn rinn gun cuideigin bho Junk Kouture a bhith ann," thuirt Órla.
"Bha e gu math mì-chofhurtail. Bha tòrr dheugairean ann agus bhiodh iad a' dol suas riut agus a' toirt bhideothan gun a bhith ag ràdh dad riut."
"Chan eil fhios agam càite an deach na dealbhan agus na bhideothan sin, ach bha e gu math mì-chofhurtail.
Còraichean
Tha làrach-lìn Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' moladh gum bu chòir do dhaoine LGDT a bhith faiceallach anns na h-Iomaraitean Arabach Aonaichte.
Tha dàimhean aon-ghnèitheach toirmisgte san dùthaich agus tha e mì-laghail do dh'fhireannaich a bhith a' cosg aodaich bhoireann.
Cha bhi iad ag aithneachadh phòsaidhean aon-ghnèitheach agus thèid binn prìosain air feadhainn a bhios ri feise ghèidh.
Agus dh'fhaodadh gu bheil fiù 's taic a shealltainn do dhaoine LGDT mì-laghail san dùthaich.
An-uiridh chaidh casg a chur air taighean-dealbh san dùthaich am fiolm ùr Disney agus Pixar "Lightyear" a shealltainn, leis gum bi dà charactar boireann a' pògadh ann.

Órla agus an seann tidsear ealain aice Laura Quinn ann an Abu Dhabi
Uile gu lèir, bha 60 clann-sgoile air a dhol dhan UAE airson cuairt dheireanach Junk Kouture.
Ach air an oidhche fhèin, cha bhiodh ach 59 a' nochdadh air an àrd-ùrlar.
Nightingale
Bha CJ King, 18, ann às na Stàitean Aonaichte.
Agus bha esan gus dreasa a chosg. Agus tha sin mì-laghail do dh'fhireannaich san UAE.
Bidh CJ a' dol gu Àrd-sgoil North Bergen ann an New Jersey, agus bha esan a' riochdachadh New York sa chuairt dheireannaich.
Air no bha còir aige a bhith.
Tha e a' nochdadh anns a' phrògram oifigeil.
'S e "The Nightingale" a thug e air an èideadh aigesan, iomradh air Florence Nightingale.
Chleachd e bandaigsean agus bha e airson cuimhneachadh air na rinn nursaichean is luchd-obrach meadaigeach eile thairis air bliadhnaichean a' phandemic.
'S e dreasa a th' ann gun teagamh ach chan e a-mhàin dreasa.
Tha sgiathan mar aingeal oirre agus sgiort fhada a' ruith air a cùlaibh, mar shruth de ghorm is gheal, flùraichean is duilleagan is dealain-dè.

CJ King a' cosg The Nightingale ann an New Jersey
Bha fios aig CJ gun robh cunnartan ann mus deach e a dh'Abu Dhabi.
Cha mhòr cho luath 's a thàinig e am follais gun robh an dreasa aige air àite fhaighinn anns a' chuairt dheireannaich, bha esan, a theaghlach agus an sgoil aige a' feuchainn ri dearbhadh fhaighinn gum biodh e ceadaichte dha pàirt a ghabhail.
"Bha fios againn gum faodadh e a bhith cunnartach, is mar sin dheth bha sinn airson cinnt is soillearachadh fhaighinn a thaobh na bhiodh ceadaichte", dh'innis CJ.
Bha e fhèin, an sgioba, agus an sgoil ann an connaltradh le Junk Kouture ag iarraidh an dearbhaidh seo.
"Chosg sinn ùine mhòr air a' fòn agus ann an coinneamhan a' feuchainn ri dearbhadh fhaighinn gum biodh e ceadaichte dhomh a dhol ann".
Aig a' cheann thall, bha a theaghlach agus an sgoil toilichte gum biodh e sàbhailte agus saor pàirt a ghabhail ann.
Foirfe
"Bha e coltach ri fiolm, bha a h-uile càil dìreach foirfe. Chaidh gu math leinn aig an dress rehearsal.
"Bha sinn a' feitheamh ann an loidhne, oir bha iad a' togail dhealbhan proifeasanta de gach sgioba agus thàinig cuideigin bho Junk Kouture suas rium ag ràdh gun robh mo thidsear airson bruidhinn rium.
"Thuirt mi riutha 'eil e cudromach, tha sinn dìreach gus mo dhealbh a thogail?'"
"Thuirt iad gun robh.
"Thug iad orm falbh agus a dhol gu seòmar aig a' chùl, far an robh an sgioba agam, mo thidsear agus cuid de dhaoine bho Junk Kouture, an CEO aca nam measg.
"Dh'innis iad rium nach robh ùghdarrasan Abu Dhabi toilichte le triùir fharpaiseach. Chaidh aig an dithis eile air na h-èididhean aca atharrachadh ach cha robh roghainn agam leis gur e dreasa a bh' ann.
"Cha robh iad gam iarraidh ann an dreasa. Cha robh iad ag iarraidh fireannaich ann an dreasa aig a' cho-fharpais seo.
"An roghainn mu dhèireadh a bh' agam, dh'fhaodainn a bhith air a dhol a-mach air an àrd-ùrlar san dreasa agus teans ann gun cuireadh iad an grèim mi.
Mar sin dheth, cha deach mi air an àrd-ùrlar.
Briste
"Bha mi dìreach a' faireachdainn briste,"
"Bhris e mo chridhe.
"Chan ann mu dhèidhinn na duais no dad den leithid. Bha mi a' dèanamh seo airson nursaichean is bha mi airson an sgeulachd acasan innse leis an dreasa seo.
"Chaidh an cothrom sin a ghoid bhuainn.
"Cha robh e cho follaiseach dè bha a' tachairt agus tha mi a' smaoinntinn nach robh fios aig Junk Kouture air dè bha a' tachairt oir bha a' chuairt dheireannach fhèin fhathast a' dol aig an aon àm", thuirt e
Fhad 's a bha seo a' dol, bha a' cho-fharpais a' leantainn.
"Cha deach rud sam bith innse dhan luchd-amhairc," thuirt Órla.
"Cuideachd, cha do nochd am bhideo aig CJ ann. Cha robh e ann airson coiseachd, cha robh am bhideo aige ann, bha e mar nach robh e ann idir. Bha bhideo ann dhaibhsan nach b' urrainn a bhith an làthair ach cha robh esan sa bhideo sin.
"Aig breacaist an ath là, cha robh fios aig cuid de na farpaisich eile dè bha air tachairt," thuirt i.

Chan eil Órla a' cur coire airson na thachair air Junk Kouture.
"Tha mi a' smaointinn gun do rinn iad a h-uile rud a b' urrainn dhaibh leis an t-suidheachadh anns an robh sinn.
"Ach 's dòcha gum biodh e na b' fheàrr gun a bhith san dùthaich sin sa chiad dol a-mach."
Tha CJ ag aontachadh leatha air a' phuing sin.
"Cha robh còir aig Junk Kouture a dhol gu Abu Dhabi ann," thuirt e.
Air an oidhche fhèin, choisinn Órla a' chiad duais airson dealbhadairean bhon Rìoghachd Aonaichte.

Órla agus duais aice airson an èididh as fheàrr bhon Rìoghachd Aonaichte
A-nis
Thuirt CJ nach robh esan air dad sgrìobhte fhaighinn bho Junk Kouture a' tabhann leisgeul airson na thachair.
Tha ùidh mhòr aige ann am fasan agus chan eil sin air atharrachadh, ach tha e a-nis air ainm a' phìos aige atharrachadh bho "The Nightingale" gu "Jersey's Fallen Angel".
Thuirt Ambasaid UAE ann an Lunnainn gun robh iad air a' chùis a rannsachadh agus gur e tachartas prìobhaideach a bha seo.
Cha robh iad deònach an còrr ag ràdh mu dhèidhinn.