Airgead-dìolaidh ChalMac suas gu mòr

  • Air fhoillseachadh
CalMacTùs an deilbh, Maree NicNeacail

Chaidh an t-airgead-dìolaidh a phàigh CalMac do luchd-siubhail suas a' cheithir uimhir ann an ceithir bliadhna.

'S e seo an t-airgead a bhios a' chompanaidh aiseig a' pàigheadh do luchd-siubhail nuair a tha dàil air seirbheisean no nuair a tha iad air an cur dheth ri linn trioblaidean teicniceach.

A rèir fhigearan a fhuair Pàrtaidh Làbarach na h-Alba tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh, bha CalMac ann an 2019 a' pàigheadh, sa chumantas, £13,000 sa mhios do luchd-siubhail ann an airgead-dìolaidh.

Eadar am Faoilleach agus an Giblean 2022 ge-tà, bha sin air èirigh gu £53,000 sa mhìos anns a' chumantas.

'Neo-earbsach'

Thuirt am BPA Làbarach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Rhoda Ghrannd, gur e cho sean 's a tha bàtaichean ChalMac as coireach.

"Chan eil an t-airgead seo air a phàigheadh ach a-mhàin nuair a tha CalMac fhèin rin coireachadh airson troimh-chèile air na seirbheisean, cha bhi e ann a thaobh droch shìde no dad mar sin", thuirt i.

"Tha cho mòr 's a tha na suimean seo a' sealltainn cho neo-earbsach 's a tha seirbheisean a-nise 's tha fios againn uile cho sean 's a tha cabhlach ChalMac".

Thuirt CalMac gu bheil iad air an siostam airson tagradh a dhèanamh airson airgead-dìolaidh a dhèanamh nas fhasa, agus gur dòcha gur e sin gu ìre as coireach gun dèach na h-àireamhan suas.