Àireamh nam feòragan ruadha 'sàbhailte' aig tuath

  • Air fhoillseachadh
Feòrag ruadhTùs an deilbh, Sylvia Duckworth / Geograph

'S e a' Ghàidhealtachd an aon sgìre ann an Alba far a bheil àireamh nam feòragan ruadha sàbhailte bhon chunnart bho fheòragan glasa.

Tha seo a rèir sgrùdaidh a bhios ann am measg a' phobaill san Dàmhair gach bliadhna mar phàirt den phròiseact Sàbhaladh Fheòragan Ruadh na h-Alba.

Ghabh 659 duine pàirt san sgrùdadh ann an 2022 is na h-àireamhan air an cleachdadh le Urras Fiadh-bheatha na h-Alba san obair aca gus an fheòrag ruadh a dhìon.

Sheall an sgrùdadh gu bheil mar a tha an fheòrag ghlas air meudachadh a' fàgail gur ann "measgaichte" a tha cùisean ann an ceann a deas na h-Alba.

Obair dìon

Ann an Obar Dheathain tha obair air soirbheachadh gus àireamh nam feòragan glasa a lùghdachadh.

Ach sheall an sgrùdadh gur ann air a' Ghàidhealtachd a-mhàin ann an Alba a tha àireamh nam feòragan ruadha sàbhailte.

Chaidh innse gu bheil obair dìon bho oifigich timcheall air crìochan na Gàidhealtachd air feòragan ruadha na sgìre a dhìon.

Tha e comasach dhan phoball innse, taobh a-muigh fad na bliadhna ma tha iad air feòrag fhaicinn.