
Bha feasgar doirbh aig Ross County ann an Hamaltan.
Thuirt manaidsear Ross County gu bheil e fhathast misneachail mun chòrr den t-seusan, a dh'aindeoin is mar a chaidh na Staggies a-mach à Cupa na h-Alba air an deireadh-sheachdain.
Bha County, a tha an-dràsta aig bonn na Prìomh Lìge, an dòchas togail fhaighinn sa chupa is iad a' dol an aghaidh Hamaltan, a tha iad fhèin aig bonn an Championship.
Air a' cheann thall, chrìochnaich na sgiobaidhean 0-0 às dèidh 120 mionaid is Accies an uairsin a' soirbheachadh 5-3 air breaban-peanais.
Bidh iadsan a-nise aig an taigh an aghaidh Hearts san ath-chuairt.
Thuirt Malky MacAoidh gur e briseadh-dùil a bh' ann ach gun robh an sgioba aige gu math mì-fhortanach.
"Feasgar doirbh a bh' ann is nuair a thèid e gu breaban-peanais, faodaidh rud sam bith tachairt.
"Chuir sinn am ball a-steach dhan bhocsa 40 turas tha mi a' smaointinn is bha còrr is 20 oidhirp againn air an targaid.

Cluicheadairean Accies air an dòigh às dèidh dhaibh buannachadh air breaban-peanais.
"Bha tòrr den gheama againn is tòrr chothroman. Ged a chaill sinn, chan urrainn dhomh a bhith ro chruaidh air na cluicheadairean.
"Cha rachadh am ball a-steach ach chluich na balaich fìor mhath", thuirt e.
Dh'fhàg seo barrachd uallaich air MacAoidh is cuid de luchd-taic Chounty gu math mì-thoilichte.
Ach dh'innis e gu bheil e cinnteach fhathast gun urrainn dha cùisean a thionndadh mun cuairt.
"'S e buille a th' ann a bhith a-mach às a' chupa gun teagamh ach thèid aire air ais air an lìog a-nise.
"Chuir na cluicheadairean tòrr a-steach dhan gheama is bha làmh an uachdair aca bho thoiseach gu deireadh, bha e àraid nach d' fhuair sinn tadhal.
"Tha sinn gu math faisg air sgiobaidhean eile san lìog is ma chumas sinn oirnn a' cluich mar a chluich sinn is a' cruthachadh nan cothroman, uaireigin thig na tadhail", thuirt e.