Dragh mu sheirbheis bus do sgoilearan Gàidhlig

Tha dragh gum faodadh an t-seirbheis bus a tha a' toirt sgoilearan Inbhir Chluaidh gu Àrd-sgoil Ghlaschu a bhith air a stad.

Tha seo am measg nan gearraidhean air a bheil Comhairle Inbhir Chluaidh a' beachdachadh an-dràsta ann an oidhirp airgead a shàbhaladh.

Ma thèid a stad, bidh aig a' chloinn ri còmhdhail phoblach a chleachdadh, rud nach eil idir cho goireasach. a rèir nan sgoilearan agus am pàrantan.

Tha tuilleadh aig Ailean Peutan.