Sgiathanaich "a' call a-mach" à Aonta nan Eilean
Thuirt ceannardan nan trì ùghdarrasan ionadail eileanach gu bheil an t-Eilean Sgitheanach a' faighinn a chuid fhèin de mhaoineachadh cheanna.
Tha seo a' tighinn as dèidh do chomhairliche Sgitheanach fàgail air Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh is Comhairle Shealltainn gun do dh'obraich iad còmhla air aonta nan eilean agus gun do chùm iad Eilean a' Cheò a-mach às.
Thuirt na comhairlean, ge-tà, gu robh an t-Eilean Sgitheanach a' faighinn airgid tro Aonta Bhaile Inbhir Nis is Sgìre na Gàidhealtachd.
Seo Alasdair MacLeòid.