Leasachadh air an ''Road to Nowhere''
Se an "Road to Nowhere" a chanas muinntir an àite ris. Ach tha dòchas ann gum bi ceann-uidhe ann an ùine nach bi ro fhada.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun tòisich obair ann am beagan mhìosan gus crìoch a chur air seach-rathaid Phort Rìgh an dèidh do chead-dealbhachaidh a bhith air a thoirt seachad an t-seachdain seo.
A bharrachd air bhith a' toirt trafaig a-mach à meadhan a' bhaile, tha planaichean ann airson ceann a tuath a' bhaile fhosgladh an-àirde agus na ceudan de thaighean a thogail ann aig a' cheann thall.
Tha tuilleadh aig Alasdair MacLeòid.