Cosgais teàrrdsaidh chàraichean ri àrdachadh air Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Carbad dealain ga theàrrdsadhTùs an deilbh, Getty Images

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh àrdachadh còrr 's a dhà uimhir a thoirt air na tha e a' cosg gus na h-ionadan-teàrrdsaidh aca do chàraichean-dealain a chleachdadh.

Tha seo a' tighinn is an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gu bheil e a-nis a' cosg barrachd gus na h-ionadan a ruith.

Tha dùil gun èirich cosgais gach cileawatt aig na h-ionadan as luaithe aca bho 30sg gu 70sg.

Aig na h-ionadan nas slaodaiche, tha fhathast dùil gun èirich iadsan bho 20sg gach cileawatt gu 35sg.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil àrdachadh 160% air tighinn air na cosgaisean dealain aca bho 2020, eadar prìsean àrda agus na tha e a' cosg dhaibh barrachd ionadan-teàrrdsaidh a chur a-steach.

Cosgaisean

Ann an 2020 bha cosgaisean dealain nan ionadan mu £50,000, ach a-nis tha a' Chomhairle ag aithris gu bheil iad sin air sreap gu £130,000.

Bidh a' chomhairle a' ruith 85 ionad-teàrrdsaidh air feadh na sgìre.

Tha 49 dhiubh luath agus 36 dhiubh nas slaodaiche, leis na h-ionadan luath gan cleachdadh airson 85% den teàrrdseadh a tha a' dol.

Tha an t-ùghdarras an dòchas 23 ionad a bharrachd a stèidheachadh as t-Fhoghar.

Tha iad cuideachd an sàs ann am pròiseact còmhla ri coimhairlean Obar Dheathain agus Siorrachd Obar Dheathain a tha ag amas air làraichean eile a chomharrachadh a bhiodh freagarrach airson ionadan a stèidheachadh ann an ceann a tuath agus an ear-thuath na dùthcha.

Thèid iarraidh air Comataidh Eaconomaidh agus Bun-Structair na Comhairle an t-àrdachadh a cheadachadh nuair a choinneachas iad an ath-sheachdain.