Dìleab stoirme

Tha 70 bliadhna ann an-diugh bho bhuail tè dhe na stoirmean bu mhiosa ann an eachdraidh air Breatainn agus an Roinn Eòrpa.

Chaill còrr air trì mìle neach am beatha aig muir agus air tìr.

Chaidh am bàta-aiseig, am Princess Victoria, fodha ann an Sruth na Maoile agus chaidh aiseag eile, an Clan MacQuarrie, air na creagan faisg air Rubha Robhanais ann an Leòdhas.

Tha Ruaraidh Rothach agus Ailig John Moireasdan a' coimhead air ais air buaidh na stoirme agus a dìleab.