Còmhraidhean mu dhachaigh-cùraim an Ulapul

  • Air fhoillseachadh
Mo DhachaidhTùs an deilbh, Google

Bidh còmhraidhean ann Diardaoin agus dragh ann mu dhachaigh-cùraim a' dùnadh ann an Ulapul.

Dh'innis a' chompanaidh Parklands an t-seachdain seo chaidh gun dùin 'Mo Dhachaidh' sa Ghiblean ri linn chosgaisean àrda ruithe.

Thuirt iad gum bi àite ri fhaotainn dhan cheithir duine deug a tha fuireach ann ann an dachannan-cùraim eile air Ghàidhealtachd.

Ach tha beachd sa bhaile gum bu chòir do Bhòrd-slàinte na Gàidhealtachd neo a' choimhearsnachd an dachaigh a ghabhail thairis.

Bha Eòghann MacIlleathain a tha a' fuireach ann an Ulapul ag ràdh air Aithris na Maidne gum bu chòir dha na h-ùghdarrasan a dhol an sàs:

"Tha mi a' faicinn agus a' cluinntinn feadhainn a tha ag ràdh gum bu chòir dhan choimhearsnachd a cheannach, ach chan eil mise a' smaoineachadh gur e sin an rathad air adhart idir.

"Chanainn-sa gu bheil deagh sheansa a-nis aig Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd agus Riaghaltas na h-Alba - agus 's dòcha a' chomhairle choimhearsnachd an seo fhèin - tighinn còmhla ri chèile agus rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn.

"Chuala sinn gu leòr aig riaghaltas agus bòrd slàinte - tha iad a' dèanamh siud agus bidh sinn a' dèanamh seo - agus tha deagh chothrom aca a-nis an rud ceart a dhèanamh agus a ghabhail thairis."

Tuilleadh air an sgeulachd seo