
Fosglaidh stèisean-rèile ùr aig Port-adhair Inbhir Nis gu h-oifigeil Diardaoin.
Chosg an leasachadh £15m.
Tha cha mhòr 30 bliadhna ann bho nochd beachd gum bu chòir stèisean-rèile a thogail aig Port-adhair Inbhir Nis.
Tha dàil air a dhol air a' phròiseact anns na bliadhnaichean mu dheireadh, ach thòisich obair-togail san Dàmhair 2021, is fosglaidh an stèisean ùr air an loidhne eadar Inbhir Nis is Inbhir Narann gu h-oifigeil Diardaoin.
Tha an stèisean mu leth mhìle bhon phort-adhair is bidh seirbheis bus a' ruith eadar an dà àite gach leth-uair a thìde.
Bidh Ministear na Còmhdhail Jenny Gilruth an làthair airson an stèisean fhosgladh.