
Thèid sreath de choinneamhan a chumail ann an Uibhist an t-seachdain-sa a thrusadh bheachdan air plana-gnìomha ag amas air daoine a thàladh chun na sgìre agus a ghlèidheadh ann.
Sna h-Eileanan an Iar tha crìonadh sluaigh a' fàgail nach eil na h-uimhir de dhaoine ann airson seirbheisean poblach riatanach a thoirt seachad.
A bharrachd air an sin tha gu bheil nas lugha de theaghlaichean òga ann a' toirt buaidh air seasmhachd sheirbheisean poblach mar sgoiltean.
'S iad na prìomh chuspairean sa phlana aig Comhairle nan Eilean Siar agus Iomart na Gàidhealtachd 's nan Eilean taigheadas, obraichean, bun-structar agus seirbheisean poblach.