Muinntir Cholbhasa a' sireadh luchd-còmhnaidh ùr

  • Air fhoillseachadh
Taighean ùra ann an ColbhasaTùs an deilbh, CCDC
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh na taighean ri fhaotainn air prìs reusanta

Tha a' choimhearsnachd ann an Colbhasa ag iarraidh air daoine a dhol a dh'fhuireach 's a dh'obair ann.

Tha mu 125 duine a' fuireach san Eilean agus tha crìoch ga chur an-dràsta air a' chiad luchd de thaighean ann am 20 bliadhna a thèid a reic air prìs reusanta faisg air Scalasaig.

Bidh prìomhachas ga thoirt do dh'eileanaich a dh'fhàg an t-eilean ach a tha airson tilleadh.

Tha dìth thaigheadais na dhuilgheadas mòr ann le dàrna dachaighean 's dachaighean samhraidh a' fàgail cuid de mhuinntir an àite a' caitheamh pàirt dhen bhliadhna ann an carabhanaichean.

Tha naoi taighean gan togail agus bidh cuid gan reic agus bidh feadhainn eile ri fhaotainn air mhàl.

Bidh dà thaigh - fear le dà sheòmar-cadail agus fear le trì seòmraichean-cadail - gan reic airson £125,000 agus £140,000.

Thathar a' moladh gum bi ceithir taighean ri fhaotainn air mhàl airson eadar £450 agus £500 sa mhìos, agus gun tèid trì làraichean airson taigh a thogail a reic airson mu £25,000.

Tha dùil gum bi na ciad thaighean air iomall Scalasaig deiseil as t-fhoghair.

ColbhasaTùs an deilbh, Getty Images

Tha Companaidh Leasachaidh Cholbhasa (CCDC) os cionn a' phròiseict le taic Urras Taigheadas Choimhearsnachdan.

Thuirt an CCDC nach eil na h-uimhir de thaighean ann tuillleadh do mhuinntir an eilein.

Thuirt an stiùiriche Dannie Onn gu bheil an dàrna leth de thaighean ann an Colbhasa nan dàrna dachaighean neo dachaighean samhraidh, agus nach deach taighean sòisealta a thogail ann an 20 bliadhna.

Thuirt e: "Tha an àireamh dhaoine a' fuireach an seo air a bhith a' sìor dhol sìos agus tha barrachd sheann daoine agus nas lugha de dhaoine den aois obrach ann."

"Tha e air ùine a thoirt faighinn chun na h-ire seo ach tha e coltach gu bheil sinn a' faicinn nam buannachdan an cois nan iomairtean laghail agus ionmhasail a chuir Riaghaltas na h-Alba an sàs airson coimhearsnachdan seasmhach a stèidheachadh ann an eileanan na h-Alba."

Tha tagraidhean airson nan dachaighean ùra a-nis gan lorg.

Thuirt an CCDC gum faigh daoine a tha mar-thà a' fuireach ann an Colbhsa neo aig a bheil ceangal ris an sgìre prìomhachas air an son.

Tha dàrna sgeama taigheadais san amharc.