Naidheachdan 11:00m

Crithean-talmhainn

Dh'èirich an àireamh a chaill am beatha san dà chrith-thalmhainn mhòr anns an Tuirc agus ann an Siria Diluain gu faisg air 10,000 agus 's ann a' sìor èirigh a bhios an àireamh sin. Thàinig rabhadh bho na buidhnean cobhair gu bheil iad a' ruith a-mach à ùine airson daoine a thoirt beò às an spruilleach. Tha Ceann-suidhe Erdogan na Tuirce a' tadhal an-diugh air feadhainn de na sgìrean as miosa a dh'fhuiling.

An Ceann-suidhe Zelensky

Tha an Ceann-suidhe Zelensky anns an Rìoghachd Aonaichte an-diugh airson a' chiad uair bho thòisich ionnsaigh na Ruis air an Ucràin bho chionn faisg air bliadhna. Bidh còmhraidhean aige leis a' Phrìomhaire, Rishi Sunak, agus tha dùil gum bruidhinn e ris a' Phàrlamaid feasgar. Agus dh'innis Rishi Sunak an-diugh gun toir an Rìoghachd Aonaichte trèanadh do phìleatan itealain cogaidh Ucràinianach.

Brexit

Chuir a' Phrìomh Chùirt às do thagradh laghail an aghaidh Protocol Èireann a Tuath air a bheil riaghailtean malairt Bhrexit stèidhichte. Bha ceannardan phàrtaidhean an Aonaidh ann an Èirinn a Tuath am measg na thog dà chùis agus iad ag ràdh gu bheil am protocol mì-laghail agus iad a' cumail a-mach gun do brist e Achd an Aonaidh, a tha a' gealltainn gun tèid dèiligeadh ri ceithir dùthchannan na Rìoghachd Aonaichte anns aon dòigh.

Fo chasaid

Tha fear fo chasaid ann an cùis na h-ighne a chaidh a dhìth anns na Crìochan. Chaidh an nighean, a tha 11, fhaighinn slàn, sàbhailte faisg air Galashiels oidhche Luain. Chaidh Anndra Miller, 53, a chur an grèim an-dè agus tha dùil ris anns a' chùirt a-màireach.

A9

Tha dùil ri fiosrachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar air a' chlàr-ama airson rathad an A9 gu lèir eadar Inbhir Nis agus Peairt a thoirt gu ìre dà-fhillte. Tha luchd-iomairt ag ràdh nach gabh crìoch cur air an obair ro 2025 mar a gheall Riaghaltas na h-Alba agus gum feum iad clàr-ama ùr ullachadh.